Main content

Trèanadh Chaley Thistle a' fuireach aig tuath

Dhearbh Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air cur às dhan phlana chonnspaideach gus trèanadh a' chluba a ghluasad gu Fìobha.

Sa chiad bhrath, taobh a-muigh bhon chluba bho dh'fhàg an cathraiche Ross Moireasdan a dhreuchd, thuirt iad gu bheil iad a' còmhradh ri feadhainn a tha a' beachdachadh air airgead a chur a-steach dhan chluba, ach gu bheil iad cuideachd a' bruidhinn ri luchd-rianachd a thaobh na slighe air adhart mura faigh iad taic-airgid.

Bha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle bho dh'innis ICT gum biodh taobh a' bhuill-choise den chluba stèidhichte aig Kelty Hearts tron t-seachdain gus am biodh cothrom nas fheàrr aca air cluicheadairean bho mheadhan na h-Alba.

Le cuid de luchd-leantainn ag ràdh nach ceannaicheadh iad ticeadan-seusain is feadhainn ag innse gum b'fheàrr leotha fiù 's an cluba a bhith ann an rianachd na stèidhichte ann am Fìobha, dh'innis Ross Moireasdan gun robh e a' fàgail.

Tha an cluba a-nise ag ràdh gu bheil iad air co-dhùnadh trèanadh a chumail aig Gearasdan Deòrsa.

Thuirt iad gu bheil iad "dòchasach" mu chòmhraidhean ri feadhainn a tha airson airgead a chur a-steach no an cluba a cheannach.

Tha ICT ag ràdh cuideachd gun do chaill iad cùmhnant luach còrr air £1m leis a' chompanaidh Statkraft is mar sin gu bheil e "ciallach" dhaibh bruidhinn ri luchd-rianachd.

/naidheachdan/sgeulachdan/ce44213ppg3o