Main content

Briseadh-cridhe do Rangers an Seville

Feumaidh luchd-taic Rangers feitheamh air cothrom eile ma-thà gus duais Eòrpach a thogail is iad air call air breaban-peanais an aghaidh Eintracht Frankfurt ann an cuairt dheireannach Lìog Europa.

Rinn barrachd na 100,000 luchd-taic an slighe gu Seville a dh'aindeoin 's gun robh nas lugha na 10,000 tiocaidean airson a' gheama ri fhaighinn dhaibh. Cha do chuir sin dragh orra 's bha Seville a' cur thairis le luchd-taic Rangers agus Frankfurt.

Thòisich a' chiad-leth le connspaid nuair a dh'fheuch Iain Lundstrum am ball a bhreabadh. Ghlac e ceann Sebastian Rode leis an oidhirp ach cha robh an rèitire den bheachd gun robh e airidh air cairt sam bith.

Rud beag a bharrachd na deich mionaidean a-steach dhan gheama, bha aig neach-glèidhidh Rangers, Ailean MacGriogair, ri dà shàbhaladh a dhèanamh às dèidh a chèile. Thuit a' chiad chothrom ceart do Joe Aribo le 25 mionaidean air a' chleoc. Fhuair e am ball bho Scott Wright pìos beag a-muigh bogsa Frankfurt agus dh'fheuch e ris a lùbadh mun cuairt air Kevin Trapp. Tha an aon seòrsa oidhirp air a bhith soirbheachail dha am-bliadhna, ach cha do dh'obraich e mar a bha e an dùil an turas seo 's am ball a' dol seachad air a' phost.

Agus 's ann do Aribo a thuit an ath-chothrom. Chaidh am ball thairis air loidhne-dìon Frankfurt agus ann am priobadh na sùla, bhris Aribo troimhe agus chuir e am ball gu sgiobalta seachad air an neach-glèidhidh. Bha Rangers air thoiseach.

Dìreach dusan mionaidean às dèidh sin ge-tà, fhuair Frankfurt tadhal dhaibh fhèin. Borré ga lorg fhèin eadar Goldson agus Bassey le cothrom am ball a chur dhan lìon às dèidh ball a-steach dhan bhogsa às an taobh chlì. Agus sin a rinn e.

Bha cothroman aig gach sgioba ach bha feum air ùine a bharrachd is iad fhathast le tadhal an urra às dèidh uair a thìde gu leth.

Feumaidh gun robh teas Seville a' toirt buaidh air na cluicheadairean 's coltas sgìth orra ach chùm iad orra. Bha dìreach dà mhionaid air fhàgail de dh'ùine a bharrachd nuair a chruthaich Kemar Roofe cothrom eile. Chuir e am ball a-steach dhan bhogsa gu luath agus rinn Ryan Kent a dhìcheall a bhròg fhaighinn air. Rinn e sin, ach bha Trapp gleusta airson stad a chur air an oidhirp.

Bha feum air breapan-peanais.

Chuir an dà sgioba trì dhan lìon gun trioblaid sam bith mus do chòisich Aaron Ramsey suas airson Rangers. Thagh an cluicheadair a tha làn eòlais air ball-coise a chluich aig àrd-ìre meadhan an tadhail agus ged a leum Trapp dhan làimh chlì, chuir aon de na casan aige stad air a' bhall. Bha luchd-taic Rangers air chrith.

Às dèidh do Frankfurt dà bhreab-pheanais a chur seachad air MacGriogair, thàinig aisling Rangers Lìog Europa a bhuannachadh gu crìch.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhaibh a bhith pròiseil agus gum bu chòir dhan a h-uile duine ann an Alba a bhith pròiseil oir chan eil sinn air seo fhaicinn airson bhliadhnaichean", thuirt an cluicheadair ball-coise Calum Fearghastan.

"Airson bhliadhnaichean, bha sinn a' bruidhinn mu dhèidhinn na staing sa gheama againn, ach a-nis tha aon de na sgiobaidhean againn air ais aig àrd-ìre anns an Roinn Eòrpa, agus cuideachd an sgioba nàiseanta a' fàs nas fheàrr thairis air na bliadhnaichean cuideachd.

"Bu chòir pròis a bhith againn," thuirt e.

/naidheachdan/61507356