Main content

Caley a' faighinn Killie

Cluichidh Caley Thistle Inbhir Nis Cille Mheàrnaig anns an ath-chuairt de Chupa na h-Alba.

Thèid an cairteal-chuairt dheireannach a chluich an Inbhir Nis.

Fhuair ICT, a bhuannaich Cupa na h-Alba ann an 2015, troimhe gu a' chuairt mu dheireadh an dèidh do Queen's Park a bhith air an cur a-mach às an fharpais airson cluicheadair nach robh còir cluich a chur a-mach nan aghaidh.

Rinn iad a' chùis an uair sin air Baile Dhùn Lèibhe, a th' anns a' cheathramh àite ann am Prìomh Lìog na h-Alba, 3-0 air falbh Disathairne.

Tha Cille Mheàrnaig a' strì gus fuireach anns a' Phrìomh Lìog agus tha ICT ann am meadhan an Championship.

Thèid an ath-chuairt de Chupa na h-Alba a chluich thairis air deireadh-sheachdain an 11mh dhen Mhàrt.

/naidheachdan/64637362