Main content

Là mòr san iomain

Tha là mòr eile san iomain Disathairne is Ceann a' Ghiuthsaich is Lòbhat a' farpais 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

'S iad Ceann Loch Seile a tha a' feitheamh riutha às dèidh dhaibhsan soirbheachadh 2-0 an aghaidh Caol Bhòid an t-seachdain seo chaidh.

Tha Ceann a' Ghiuthsaich a' dol a-steach dhan gheama sa Ghearasdan ann an sunnd is Cupa MhicAmhlaidh mar-thà aca sa phreas, is iad gu dearbh air a' chùis a dhèanamh air Lòbhat 4-0 san iar-chuairt dheireannaich den fharpais sin.

Le cothrom aca fhathast air Cupa MhicThàmhais cuideachd, tha Kings ann an suidheachadh làidir is le buidheann an ìre mhath òg, tha cuid mar-thà a' ceasnachadh a bheil linn eile gus a bhith againn le Ceann a' Ghiuthsaich air thoiseach air càch.

Fhuair iad deagh naidheachd eile a' dol a-steach dhan gheama Disathairne is Lee Bain ag innse gum bi e fut.

Còmhla ri James Hutchison, tha Bain a' toirt eòlas gu leòr dhan bhuidhinn òig aig Ceann a' Ghiuthsaich.

Tha Lòbhat air a bhith a' dol an ìre mhath thairis air an t-Samhradh, agus cha robh sgioba ach Ceann a' Ghiuthsaich air a' chùis a dhèanamh orra gu an t-seachdain seo chaidh, nuair a thuit iad 3-2 an aghaidh Ghleann Urchadain ann an Cupa MhicThàmhais.

Thuirt am manaidsear, Jamie MacMhathain, gur e buille a bha sin ris nach robh dùil, ach gur dòcha gun toir e breab dhan sgioba air thoiseach air a' gheama mhòr sa Ghearasdan.

'Gleus'

Tha eòlaiche na h-iomain, Ùisdean MacIllinnein, ag ràdh gu bheil cothrom aca.

"Tha Lòbhat gu math comasach nuair a thogas iad an geama aca gu àrd-ìre agus 's e sin a dh'fheumas iad.

"Tha cluicheadairean aca a tha cho math ri duine sam bith: anns an tadhal tha Stiùbhart Dòmhnallach is Greg MacMhathain aig an aghaidh.

"Ma tha iad air ghleus - is feumaidh iad a bhith air ghleus an aghaidh Cheann a' Ghiuthsaich - tha làn chothrom aca", thuirt e.

Tòisichidh an geama aig 4:10f is bidh e beò air Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA.

Tha suidheachadh Chovid-19 air ceist a chur mu choinneimh gheamaichean gu leòr sa chlàr ann an camanachd nam fear is nam ban aig an deireadh-sheachdain is bu chòir do luchd-taic am fiosrachadh as ùire a shireadh mus tèid iad gu geama.

Aig an ìre seo, tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Inbhir Aora ann an Cupa a' Bhaile Mhòir am measg gheamaichean a tha a' dol air adhart.

Bha buille ann do Chamanachd Leòdhais ge-tà, is na planaichean aca airson tilleadh gu farpais Disathairne air am milleadh air sgàth suidheachadh Chovid.

/naidheachdan/58432272