Main content

Rothaireachd fon phrosbaig

Tha làithean Armstrong seachad ach tha ceistean mu dhrugaichean ann an spòrs fhathast cho cudromach sa bha iad a-riamh.

Bha am fear-naidheachd Èireannach ainmeil David Walsh a' suidhe ann an rùm nam meadhanan aig an Tour de France. Bha an naoidheamh earrann den Tour air an telebhisean air a bheulaibh. B'e latha teth, bruthainneach a bh' ann, meadhan an t-samhraidh 1999. Cha robh cus còmhraidh am measg an luchd-naidheachd, bha iad uile a' coimhead air Lance Armstrong a' dìreadh bruthaichean cas an Col du Gailibier. Bhris an t-Èireannach an t-sàmhchair le gàire, bha Armstrong a' dol cho luath 's gum b' fheudar dha na brakes a chleachdadh a' dol timcheall còrnair. Ged a bha a mhòr-chuid air am beò-ghlacadh le sgeulachd fear a bha air leabaidh a bhàis le aillse dìreach bliadhna ron a sin, a' tilleadh gu àirde spòrs, cha robh Walsh ga chreidsinn.

Cha robh e na aonar. Bha fear-naidheachd òg eile a' dèanamh a shlighe ag aithris air an spòrs aig an àm ud. Fhuair Gòrdan Camshron, Gàidheal far na Comraich, cothrom sgrìobhadh do làrach-lìn ùr mu rèis bhaidhseagalan PEZCycling. A' bruidhinn air Podcast Spòrs Beò an t-seachdain sa air Radio nan Gàidheal, thug e iomradh air na làithean dorcha a bha sin san spòrs.

"Bha e follaiseach dhuinne gun robh rudeigin fada fada ceàrr le Armstrong... tha sinn a' cleachdadh an fhacail 'do-chreidsinneach' gu tric agus 's dòcha nach eil sinn a' smaoineachadh air dè a tha am facal a' ciallachadh, ach bha sgeulachd Armstrong do-chreidsinneach."

Ach cha robh e furasta an fhìrinn innse. Nuair a chuir Gòrdain beachd chun an neach-deasachaidh aige aithris a dhèanamh air Armstrong is drugaichean; "cha robh e toilichte idir, chan eil mi cinnteach a bheil seo ciallach dhuinne mar làrach-lin agus chan eil mi airson 's gum bi daoine a' dol a-mach oirnn."

Bha 'Omerta' a'mùthchadh gearain sam bith bho dhuine a bha an-sàs san spòrs mu dhrugaichean agus bagaichean fala. Bha e nas cudromaiche ìomhaigh ghlan a thoirt seachad dhan a' phoball, bu chòir a bhith creidsinn na bha ri fhaicinn, bhiodh peanas gu math cruaidh ann airson duine a dh'fheuch sùilean a' mhòr-shluagh fhosgladh.

'S ann sa cho-theacsa sin a dh'fheuch Gòrdain ri sgriobhadh mu rèisean, a' fighe a-steach abairtean a sheall nach robh esan a' gabhail ri uirsgeul Armstrong is a charaidean, ach ann an dòigh nach bitheadh e ann an cunnart an obair aige a chall. "Faclan beaga an siud sa seo a bha sealltainn nach robh mi a' dol leis na bha a' tachairt."

Cha robh Armstrong na aonar a' briseadh nan riaghailtean, bha drugaichean pailt, liosta fhada de rionnagan a bha air an sgrios le scainneal; Ulrich, Landis, Contador, Valverde, Hamilton, Miller.

Ach a' bruidhinn ri Gòrdain ochd bliadhna às dèidh do Armstrong nochdadh air Oprah ag aideachadh gun robh e mar phàirt de aon dha na cùisean foill as motha ann an eachdraidh spòrs, càite a bheil sinn an diugh? Thug am freagairt dhomh dòchas gu ìre, ach thog e ceistean nas motha.

Ceistean moralta

DL: "A cheist a tha ormsa mar fhear a tha air tighinn chun an spòrs 's na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha mi air leughadh tòrr mu eachdraidh an spòrs a thaobh dhrugaichean agus chan eil mi aineolach gu leòr 's nach eil mi smaoineachadh gu bheil e a' dol fhathast, ach 's e a faireachdainn a tha agam gu bheil sinn ann an suidheachadh mòran nas fhallainne, agus ma tha thu faicinn dhaoine mar Primoz Roglic a' fàiligeadh air an earrann mu dheireadh den Tour is e cha mhòr air an rèis a bhuannachadh, fiù 's ma tha rudan beaga a' dol an siud sa seo, chan eil sinn aig an aon ìre 's a bha sinn ann an linn Armstrong… a bheil mi ceart?"

GC: "Tha mi smaoineachadh gu bheil...tha spòrs nam baidhsagal air atharrachadh... tha tuigse aig daoine nach eil e cho furasta na riaghaltean a bhriseadh. Tha an t-Eadar-lìon air diofar mòr a dhèanamh tha mi smaoineachadh. Tha spòrs nam baidhsagal fada nas saidheansail a-niste. Roimhe bha daoine a' cleachdadh dhrugaichean agus cha robh dad a dh'fhios aca dè bha iad a' dèanamh neo carson. Bha mi thall sa Bheilg ann an 2016 agus bha mi bruidhinn ri fear a bha coidseadh aig fìor àrd ìre agus dh'fhaighnich mi dha mu dheidhinn Sky agus Chris Froome agus gu sìmplidh an robh iad a' briseadh nan riaghaltean.

'S thuirt e gu sìmplidh chan eil. Thuirt e, na bheachdsan, tha làn fhios aig Sky far a bheil na loidhnichean anns na riaghailtean agus tha iad a' dol chun na loidhnichean agus tha iad a' seasamh air na loidhnichean agus mus urrainn dhaibh na loidhnichean a lùbadh, nì iad sin."

Dòchas an sin gun urrainn dhuinn tòiseachadh a' creidsinn na tha sinn a' faicinn air an telebhisean gach oidhche, gu bheil na sgiobaidhean a' fuireach taobh a-staigh nan riaghailtean. Ach. A bheil sin gu leòr? Dè mu dheidhinn spiorad nan riaghailtean? A bheil an deasbad air gluasad bho cheist laghail gu ceist mhoralta?

Tha Gòrdan an-diugh an-sàs ann an rannsachadh na Gàidhlig. Ach tha e ag aideachadh nam faigheadh e an cothrom a-rithist, gur e sin an seòrsa rannsachadh a dhèanadh e. A' coimhead air spòrs bho shealladh eachdraidheil agus moralta. "A bheil e moralta gu bheil airgead mòr aig Bayern Munich ach chan eil aig sgioba eile, neo airgead mòr aig Juventus seach aig Bari... agus tha na h-aon cheistean againn an diugh mu dhrugaichean. A bheil e moralta a bhith a' cur na riaghailtean gu feum neo a bheil e moralta a bhith a' leantainn spiorad nan riaghailtean?"

A-rèir Ghòrdain, 's e freagairt pearsanta a tha ann. Feumaidh sinn gabhail ris gum bi drugaichean mar phàirt de spòrs aig àrd ìre. Tha e an urra ri gach duine againn obrachadh a mach ciamar a tha sinn a' faireachdainn mun an sin. Tha làithean cùis-mhagaidh Armstrong seachad, chan eil David Walsh is a leithid nan aonar ag èigheachd san fhàsach tuilleadh, ach tha ceistean fhathast oirnn uile mu ciamar a tha sinn a' faireachdainn mu dhrugaichean ann an spòrs.

/naidheachdan/54666428