Main content

Iomairt ùr do Sgioba Nàiseanta nam Ban

Nì Sgioba Ball-coise nam Ban aig Alba toiseach-tòiseachaidh air na Cuairtean Dearbhaidh de Chupa na Cruinne 2023 oidhche Haoine le Sgioba na h-Ungaire a' feitheamh riutha ann am Budapest.

Bidh Sgioba na h-Alba ag amas air barrachd shoirbheachais fhaighinn na bha aca san iomairt mu dheireadh aca nuair a chall iad a-mach air àite anns an Fharpais Eòrpaich 2022 an-uiridh.

'S e briseadh-dùil a bh' ann dhaibh leis gun robh cothroman gu leòr aca smachd a chumail air a' bhuidhinn dearbhaidh, ach gu mì-fhortanach, chaill iad puingean a bha deatamach dhan iomairt an aghaidh Phortagail agus na Fionnlainn.

Dh'innis Shelly Kerr gun robh i a' leigeil dhith a dreuchd às dèidh seo, ag ràdh gun robh i airson "ùine gu leòr a thoirt dhan SFA prìomh-chòidse ùr a lorg". Ach bha greis ann mus do thachair sin.

Cha mhòr nach do dh'fhalbh seachd mìosan mus do dh'ainmich an SFA Pedro Martinez Losa mar Phrìomh-chòidse na h-Alba, fear a bha os cionn Sgioba Arsenal nam Ban, às dèidh dha Shelly Kerr an dearbh-dhreuchd fhàgail, agus Sgioba Bordeaux nam Ban anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha fios gu bheil Martinez Losa làn eòlais 's e air dà chupa a bhuannachadh le Arsenal agus ball-coise Eòrpach a ghlèidheadh do Bhordeaux, rud nach do rinn an sgioba a-riamh. Saoil an urrainn dha an aon seòrsa shoirbheachais fhaighinn na dhreuchd ùir ge-tà?

Na bu thràithe den mhìos, dh'ainmich Martinez Losa an sgioba aige airson Cuairtean Dearbhaidh Chupa na Cruinne 2023, agus bha coltas caran eadar-dhealaichte air seach mar a bha an luchd-taic an dùil.

Dh'innis Kim Little gun robh i a' leigeil dhith a dreuchd eadar-nàiseanta ron iomairt ùir, agus chan urrainn dha Fiona NicIlleDhuinn no Christie Mhoireach cluich fhathast 's i air a leòn - triùir a tha air a bhith aig cridhe Sgioba na h-Alba thar nam bliadhnaichean.

Cuideachd, bha aig Caroline Weir agus Lisa Evans ri tharraing a-mach às an sgioba le Rachael Boyle agus Jenna Clark air an gairm nan àite.

Cha bhi Leanne Ross air a' phàirc nàiseanta tuilleadh ach is cinnteach gum bi buaidh aice air an sgioba fhathast leis gun deach a h-ainmeachadh mar phàirt den sgioba-choidsidh aig Martinez Losa.

Tha cluicheadair Inbhir Nis CT nam Ban, Alex Andrews, làn-eòlach air na tha a dhìth air Sgioba na h-Alba anns na geamaichean a tha romhpa.

"'S e sgioba làidir a th' ann, ach the e gu bhith beagan diofraichte oir chan eil Kim little againn airson a' chiad turas!

"Tha Lisa Evans cuideachd air a toirt a-mach... so tha dà ainm mòr againn air an call. Tha mi an dòchas gun seas na nigheanan as ùire suas anns na h-àiteachan aca ge-tà.

"Tha coidse ùr againn so tha sinn gu bhith a' cluiche diofraichte tha mi a' smaoineachadh. Feumaidh sinn am ball a chur dhan lìon airson tòiseachadh gu ceart! Cha robh sinn a' dèanamh sin gu leòr roimhe nam bheachdsa"

Dh'atharraich rud a bharrachd tron t-Samhradh leis gun do dh'innis Buidheann-riaghlaidh Ball-coise na h-Alba gum bi Sgioba nam Ban a' cluich nan geamaichean aca aig Hampden bho seo a-mach, mar phàirt den iomairt a tha an dùil 10% de chluicheadairean proifeiseanta a bharrachd a chruthachadh.

O choinn dà bhliadhna, chluich Alba an aghaidh Siameuca ann an geama-càirdeil aig Hampden agus nochd 18,555 duine gus Alba fhaicinn.

Shaoileadh tu gun do mhothaich na ceannardan cho mòr 's a chòrdas ball-coise nam ban ri daoine ann an Alba, agus nach e seo ach aon de na h-adhbharan a bh' aca air cùil a' bheachd.

Tha neach-taic Sgioba na h-Alba, Màiri Anna Chaimbeul, air a dòigh-ghlan gu bheil sgioba nam ban gu bhith stèidhichte aig Hampden.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e dìreach cudromach gu bheil dachaigh aca agus gu bheil fhios againn a-nis ma tha Sgioba na h-Alba a' cluich, gum bu chòir dhaibh a bhith a' cluich aig Hampden.

"Tha iad làn-airidh air a bhith a' cluich dha stèideam mòr mar seo.

"Tha iad air tòrr thoileachais a thoirt dhan dùthaich anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, a' faighinn gu na h-Euros agus Cupa na Cruinne ron seo, agus mar sin tha sinn an dòchas gum bi seo a' tachairt a-rithist agus gum bi barrachd a' tighinn a-mach a choimhead air an sgioba"

Cluichidh Sgioba na h-Alba an aghaidh na h-Ungaire oidhche Haoine ann am Budapest sa chiad gheama aca anns na Cuairtean Dearbhaidh de Cupa na Cruinne, agus tillidh iad gus Sgioba nan Eilean Fàrach a chluich aig Hampden oidhche Mhàirt - an dà gheama ri fhaicinn beò air Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú ALBA.

/naidheachdan/58587949