Main content

Slighe chumhang agus chreagach ro Alba

Thòisich an latha le luchd-taic sgioba na h-Alba dòchasach agus fiù's misneachail mu chothroman an sgioba tòiseachadh gu math aig na Euros le bhith a' buannachadh trì puingean an aghaidh Poblachd na Seice.

Bha beagan dhen deagh fhaireachdainn sin air a thoirt air falbh goirid ron gheama nuair a bhris an naidheachd nach biodh Kieran Tierney an sàs anns an sgioba às dèidh dha a bhith air a leòn ann an trèanadh.

A dh'aindeon sin, nochd sgioba na h-Alba aig Hampden gu fàilte bhlàth bhon arm thartan - a' chiad uair a bha e comasach do luchd-taic na h-Alba faighinn gu geama aig Hampden bho 2019.

Chruthaich na h-Albannaich corra leth chothrom air an taobh chlì, le Anndra Robasdan trang air an loidhne. Dh'fheuch Lyndon Dykes oidhirp air an targaid agus e air deireadh aon dhe na buill aig cluicheadair Liverpool dhan bhogsa.

Bha comharran ann ge-tà nach robh a h-uile cluicheadair ann an lèine dubh-ghorm cho misneachail 's a bhiodh freagarrach airson a' chiad gheama aig Alba aig farpais eadar-nàiseanta ann an trì thar fhichead bliadhna. Bha Stephen O' Donnell a' coimhead gu sònraichte iomaganach air an taobh cheart dhen loidhne dìon.

Thug corra mhearachd a thaobh conaltraidh eadar cluicheadairean toirt air Robasdan iarraidh air an sgioba iad fhèin a chiùineachadh, ach bha grèim nas fheàrr aig Tomáš SouÄek agus Alex Král air na bha a' tachairt ann am meadhan na pàirce na bha aig Scott McTominay agus Iain McGinn.

A dh'aindeoin sin, thàinig Alba faisg air tadhal as dèidh leth-uair. Chuir Robasan tadhal bhon aon seòrsa àite dhen phàirc air an taobh chlì le oidhirp làidir le chas chlì an aghaidh Ciopras ann an 2019. An turas seo, thagh e feuchainn am ball a' stiùreadh seachad air Tomáš Vaclík a chùm oidhirp a-mach.

Goirid ron bhriseadh, ghabh Poblachd na Seice an cothrom aca. As dèidh trì breaban-oisean agus Alba a' strì am ball fhaighinn air falbh bhon bhogsa aca fhèin, dh' èirich Patrik Schick airson oidhirp a' stiùireadh seachad air Daibhidh Marshall dhan lìon. Droch thadhal ri chall aig droch àm dhen gheama.

Chuir Steve Clark Ché Adams aig aghaidh na sgioba còmhla ri Lyndon Dykes aig a' bhriseadh airson feuchainn ri cùisean a thionndadh do dh'Alba. Ged a thòisich na h-Albannaich gu luath anns an dàrna leth, bha iad tadhal eile air dheireadh ann an ùine gun a bhith ro fhada.

Dh'fheuch Jack Hendry am ball a thoirt air adhart ann an leth Poblachd na Seice, ach chaill e am ball gun neach sam bith air a chùl airson am beàrn a dh'fhàg e fhèin a lìonadh. Chunnaic Patrik Schick gun robh Daibhidh Marshall fada bhon loidhne aige agus chuir e a bhròg tron bhall bho cha mhòr 50 slat.

Tadhal air leth bho chluicheadair air leth a bha air ghleus air an latha agus a ghabh a chothrom. Dh'fheuch na h-Albannaich ri freagairt a thoirt do Phoblachd na Seice, ach cha b'urrainn do Lyndon Dykes, Stuart Armstrong, Jack Hendry neo Seumas Forrest na h-oidhirpean aca a chuir dhan lìon.

Sheas Vaclík suas ri gach oidhirp air an targaid, agus chuir cluicheadairean dìon agus fiùs a mhaide tarsainn stad air oidhirpean Albannach eile. 'B e seo latha air am b' urrainn do dh'Alba a bhith air cluich airson 90 mionaid eile gun tadhal fhaighinn.

Thòisich sgìths air nochdadh ann an casan nan Albannach anmoch anns a' ghèam, ach bha an geama seo caillte deagh phìos ron an sin. Bidh aig Steve Clarke a-nis feuchainn ri spiorad a sgioba a thogail airson an ath gheama anns a' bhuidheann an aghaidh Sasainn aig Wembley Dihaoine.

An cleachd e an cothrom cluicheadairean eile a chuir anns an sgioba airson a ghèam sin? Bidh mòran an dòchas an leithid Billy Gilmour neo Nathan Patterson - cluicheadairean òg làn misneachd - fhaicinn an àite cuid a bha a' strì an aghaidh Poblachd na Seice.

Tha aon rud cinnteach ge-tà. Thèid Alba gu Wembley às aonais puing agus ann an sàr fheum cothrom a thoirt dhaibh fhèin faighinn dhan gheama mu dheireadh an aghaidh Croatia aig Hampden le slighe dhan ath chuairt fhathast ri fhaicinn. Aig an ìre seo, tha an t-slighe sin a' coimhead gu math cumhang agus creagach.

/naidheachdan/57477159