Main content

Cupa Jock Stein leis a' Bhac

B' e deireadh seachdain sònraichte a bh' ann do mhuinntir a' Bhac is an sgioba aca a' buannachadh Cupa Jock Stein.

Chrìochnaich na Bacaich is an Rubha 2-2 às dèidh ùine a bharrachd aig Pàirc Chnoc nan Gobhar is am Bac mu dheireadh thall a' soirbheachadh air breaban-peanais.

Bha am Bac mar-thà air 120 mionaid a chluich an aghaidh Nis san iar-chuairt dheireannaich oidhche Chiadain.

Bha dùbhlan aca sa chuairt dheireannaich cuideachd is tadhail bho Chammy MacNeacail is Aonghas Dòmhnallach a' cur an Rubha 2-0 air thoiseach.

Fhreagair am Bac ge-tà, le tadhal cudromach bho Raibeart MacCoinnich goirid ro leathach-slighe.

Bha iad co-ionnan le uair de thìde air a' ghleoc is Stevie Mutch leis an tadhal às dèidh mar a dh'fhailich air an Rubha am ball fhaighinn air falbh bho bhreab-saor.

Chaidh an geama mu dheireadh thall gu breaban-peanais is am Bac a' buannachadh 5-4.

Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh air an deireadh seachdain, chrìochnaich Saints an Iochdair is Èirisgeigh co-ionnan 4-4 agus b' e 3-1 a bh' ann do Bharraigh an aghaidh Beinn nam Fadhla.

San Eilean Sgitheanach, thuit Malaig dhan dàrna àite às dèidh dhaibh call 3-1 ri Slèite.

Tha Caol Àcainn aig bàrr na lìge a-nise is iadsan air buannachadh 3-0 an aghaidh Phort Rìgh.

Anns na geamaichean eile, rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich a' chùis air Juniors Phort Rìgh 2-1 agus b' e 4-3 a bh' ann dhan Chaol an aghaidh Ghleann Eilg.

Seo na geamaichean ionadail anns na h-eileanan anns na làithean ri thighinn:

Lìog Leòdhais

Diluain 02/08

An Taobh Siar 1 Am Bac 4

Na Lochan 0 Nis 8

Càrlabhagh 1 United 0

Diciadain 04/08

Athletic Steòrnabhaigh 0 An Rubha 6

Dihaoine 06/08

United - Na Hearadh

Rubha - An Taobh Siar

Am Bac - Na Lochan

Lìog Uibhist is Bharraigh

Dimàirt 03/08

Uibhist a Tuath 3 Southend 1

https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/58053943