Main content

Ullachadh Gheamannan nan Eilean 2025

Tha dùil gun tèid sgoiltean agus campa airm a chleachdadh mar àitichean-fuirich do luchd-spòrs aig Geamannan nan Eilean 2025 ann an Arcaibh.

Tha obair a' leantainn gus na geamaichean a thoirt air ais a dh' Alba, is beagan de dhàil air a bhith orra ri linn Covid.

Thuirt a' bhuidheann-stiùiridh gu robh iad toilichte leis an adhartas a chaidh a dhèanamh gu ruige seo, agus gum biodh fàilte bhlàth air gach duine a thadhalas air na farpaisean an ceann beagan is dà bhliadhna.

Le tuilleadh, seo Ailean MacLeòid.

/naidheachdan/fbh/64407515