Main content

Na Mucan, an Geama Bhiortail agus 'FC Corona'

An sgioba a bu shoirbheachail san Roinn Eòrpa. An sgioba a bu lugha le daoine san t-saoghal.

Na Maighstirean. Na Mucan.

Cuid de na tiotalan a tha air nochdadh tro na bliadhnaichean mu sgioba BFC Dynamo, no Dynamo Berlin.

Cha robh an leithid ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh de Thaobh Sear na Gearmailt.

Bhuannaich iad Lìog an DDR deich bliadhna ann an sreath. Dhan luchd-leantainn aca, cha robh am beat air BFC. Dha gu leòr eile, cha ghabhadh am beatadh air sgàth an taic a bha iad a' faighinn bhon Stasi.

Crìonadh

Co-dhùnaidhean fàbharach bho rèitearan bàidheil (a-rèir cuid) is tadhail anns na mionaidean mu dheireadh. Ged nach deach a dhearbhadh a-riamh, bha feadhainn cinnteach às gun robh foill a' dol.

Ann an dol fodha an DDR anns na 80an, bha na h-ùghdarrasan fhèin a' bàthadh cha mhòr ann an ath-chuingean poblach is litrichean a' gearain mu BFC Dynamo.

Agus ceart gu leòr, nuair a thuit balla Bherlin, 's ann a thuit BFC cuideachd. Sìos tro na lìogaichean. Cha robh gaol sa Ghearmailt ùir dha sgioba a bha uair ceangailte ris an Stasi.

Tha BFC an-diugh sa Cheathramh Roinn is mar as trice gun ach beagan cheudan gan coimhead.

Mar a tha fios ge-tà, tha staing a' Choròna-bhìorais air gnothaichean an t-saoghail a chur bun-os-cionn. Air an deireadh-sheachdain, rinn e fiù 's feum do chliù BFC Dynamo.

Chluich an cluba geama bhiortail an aghaidh sgioba air an robh FC Corona. Tha e coltach gun do ghlac e aire dhaoine is còrr is 70,000 a' pàigheadh Euro 'son ticead.

'S dòcha gun robh mi fhìn nam measg. Tha fiosam, ach tha mi ag ionndrainn a' bhuill-choise an-dràsta.

Bha droch iseanan ann an sgioba FC Corona.

Influenza eadar na puist is Des Infektion aig a' chùl. Quarantinho a' ruith chùisean meadhan na pàirce is Artur Viral aig an aghaidh.

Is bha iad math cuideachd. Cha b' urrainn do BFC stad a chur orra is FC Corona air thoiseach 3-1 aig lethach slighe. Òbh òbh.

Uill bha sinn feumach air togail agus thug BFC togail dhuinn.

Taic

Air ais gun tàinig iad anns na mionaidean mu dheireadh. Bhiodh cuid den bheachd gun robh iad air a dhol air ais ann an tìm nuair a thàinig an tadhal a bhuannaich an geama 4-3 'son BFC is dìreach diogan air fhàgail.

Dìreach mar na seann làithean.

Ach a-mhàin gun deach moladh air BFC bho thall 's a bhos. Thug an geama gàire air cuid, tha e coltach, beagan spòrs aig àm nuair a tha daoine glaiste a-staigh. Is beagan airgid ann an cunntas BFC nuair nach eil ball-coise ceart ann.

Cha b' e a' chiad uair a bha iomradh air 'an sgioba a bu lugha le daoine san t-saoghal' às dèidh geama BFC.

Ach an turas seo gun robhar a-mach air an fheadhainn eile, is BFC na gaisgich a bha air làmh an uachdair fhaighinn air an nàmhaid.

Tha an saoghal air a dhol bun os cionn ceart gu leòr.

/naidheachdan/52348987