Main content

Fear-dìon ùr aig County

Tha Ross County air fear-dìon ùr a thoirt a-steach bho Shasainn.

Bidh Callum Johnson a' cluich air an làimhe dheis den loidhne-dìon is dh'innis County gu bheil iad air a bhith a' cumail sùil air 'son treis.

Thàinig e tro shiostam òigridh Middlesborough mus deach e gu Accrington Stanley, Portsmouth, is mu dheireadh Fleetwood Town air iasad.

Uile gu lèir, chluich e còrr is 200 geama ann an Lìog Shasainn.

Eòlas

"Tha mi air mo dhòigh Callum a thoirt gu Ross County", thuirt manaidsear na Staggies, Malky MacAoidh.

"Bha sinn ga leantainn 'son ùine a-nise is tha sinn a' faireachdainn aig aois 25 gu bheil na làithean as fheàrr aige air thoiseach air.

"Fhuair e eòlas gu leòr ann an Sasainn is tha fadachd oirnn a bhith ag obair còmhla ris", thuirt e.

Thàinig dearbhadh bho Inbhir Pheofharain cuideachd mu na sgiobairean a bhios aig County san t-seusan ùr.

Tha Keith Watson gus leantainn air mar chaiptean a' chluba, ach dh'innis County gum bi Jack Baldwin a-nise a' cumail taic ris mar chaiptean na sgioba.

/naidheachdan/62149083