Main content

Taghadh Chupa MhicTàmhais

Coinnichidh an dà sgioba a bha sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais ann an 2022 sa chiad chuairt den fharpais am-bliadhna.

'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a bhuannaich air a' cheann thall an-uiridh is iad a' soirbheachadh 5-2 an aghaidh Chabar-Fèidh, ged a bha Cabers air a bhith air thoiseach 2-0 sa chiad leth.

B' e sin a' chiad cheum aig Ceann a' Ghiùthsaich gu ruige a h-uile duais a bh' ann a thogail ann an 2022.

Gheibh Cabers cothrom air dìoghaltas a-nise tràth air an t-seusan seo nuair a chuireas iad fàilte air sgioba Bhàideanach ann an Srath Pheofhair.

Bidh geama gu math tarraingeach cuideachd ann an Reàraig far an tèid Ceann Loch Seile, a thog an cupa 'son a' chiad turas ann an 2021, an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh, an sgioba a tha air Cupa MhicTàmhais a bhuannachadh nas trice na cluba sam bith eile.

Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich, a tha air ais sa Phrìomh Lìog am-bliadhna, a' tadhal air a' Ghearasdan, sgioba a thuit a-mach às an lìog sin an-uiridh.

San dà gheama eile sa chiad chuairt, thèid Cill Mhàilidh an aghaidh Lòbhait is Srath Ghlais an aghaidh na Manachainn.

Chaidh Inbhir Nis, Gleann Urchadain is Loch Abar dìreach dhan dàrna chuairt.

Tha an taghadh gu lèir mar a leanas.

Cupa MhicThàmhais - A' Chiad Chuairt

Ceann Loch Seile - Baile Ùr an t-Slèibh

Cabar-Fèidh - Ceann a' Ghiùthsaich

Cill Mhàilidh - Lòbhat

Srath Ghlais - A' Mhanachainn

An Gearasdan - Camanachd an Eilein Sgitheanaich

Thèid na geamaichean a chluich Disathairne an 25mh den Mhàrt.

/naidheachdan/64384834