Main content

"Dùbhlain ionmhais fìor mhòr" ro ICT

Dh'aidich cathraiche Chaley Thistle gu bheil "dubhlain ionmhais fìor mhòr" mu choinneamh a' chluba.

Thàinig brath bho Ross Moireasdan às dèidh mar a sheall cunntasan bliadhnail a' chluba call £835,000 chun a' Chèitein 2022.

Bha seo suas bho chall £235,000 a rinn an cluba ann an 2020/21.

Dh'innis luchd-sgrùdaidh bhon chompanaidh A9 gu bheil cothromas no net assets ICT air tuiteam gu £462,497 is an t-airgead a dh'fheumas iad pàigheadh a-mach taobh a-staigh bliadhna, no net current liabilities, aig £1,714,997.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil mì-chinnt ann a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh gu bheil ceist ann am bi comas aig a' chluba cumail a' dol mar ghnothachas.

Doirbh

Ann am brath Diciadain, thuirt Ross Moireasdan gu bheil na cunnatasan a' sealltainn cho fìor dhoirbh 's a tha suidheachadh ICT fhad 's a tha iad a' cluich san Championship.

Thog Mgr Moireasdan gun robh an àireamh de luchd-taic a bha clubaichean eile a' toirt a dh'Inbhir Nis air tuiteam gu mòr is gun do làimhsich ICT an suidheachadh le taic bho na stiùirichean aca.

Thuirt e gu bheil barrachd dhaoine air a bhith a' ceannach thiceadan-seusain, ged a dh'aidich e gum feum ICT barrachd luchd-taic òga a thàladh.

Bhruidhinn e cuideachd air buannachd a tha air tighinn bho aonta leis a' chompanaidh Puma airson lèintean is aodach eile ICT a dhèanamh.

Dh'innis e gun robh e follaiseach dha nuair a chaidh e na chathraiche gum feumadh an cluba sruthan ionmhais ùra a lorg air neo gum biodh iad gu cunbhalach an eisimeil taic bho stiùirichean is eile.

Thuirt e gu bheil dùil ri AGM air an 28mh den Mhàrt is gu bheil e an dòchas naidheachd a thoirt seachad an uairsin air cuid de na pròiseactan anns a bheil an cluba an sàs.

Bha aithisg an luchd-sgrùdaidh air togail air dòchas am measg stiùirichean ICT gun tigeadh buannachd dhaibh à sgeama haidro aig Loch Nis agus planaichean airson pròiseact cumhachd eile air a bheil ICT Battery Farm.

Thog iad cuideachd air dòchas ri linn is gu bheil stèideam a' chluba stèidhichte taobh a-staigh far am bi saor-phort uaine na Gàidhealtachd.

Buannachdan

Thuirt Ross Moireasdan gur e cothrom air leth a tha sin nach eil aig cluba eile san Rìoghachd Aonaichte.

Dh'innis e gu bheil ICT a' bruidhinn ri Comhairle na Gàidhealtachd is na riaghaltasan ann an Dùn Èideann is Lunnainn mu dè dìreach na buannachdan a dh'fhaodadh a bhith na chois dhaibh.

Tha ICT air a dhol an sàs ann am pròiseactan air falbh bho bhall-coise roimhe. Chaidh companaidh a bha a' cur air dòigh chiurmean ciùil aig an stèideam fodha ann am fiachan an-uiridh.

Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil an cluba mothachail air na dùbhlain a th' ann ach gu bheil deagh phlana aca.

Chuir e ann an cuimhne dhaoine cuideachd nach eil ICT ach aona gheama bho iar-chuairt dheireannach Chupa na h-Alba aig Hampden is dh'iarr e air luchd-leantainn nochdadh ann an àireamhan mòra airson taic a thoirt seachad.

/naidheachdan/64808826