Main content

Leòdhasach òg a' dèanamh adhartais aig ICT

Chuir Leòdhasach òg ainm ri preantasachd le Caley Thistle Inbhir Nis.

'S ann à Àird Thunga a tha Keith Bray is tha e air a bhith a' cluich 'son Athletic Steòrnabhaigh fad grunn bhliadhnaichean.

Chuir Keith, a tha a' cluich ann am meadhan na pàirce, ainm ri cùmhnant dà bhliadhna le ICT.

Dh'innis Caley Thistle gun robh iad sa chiad dol a-mach a' cumail sùil air Keith mar fhear-glèidhidh, ach gun robh e follaiseach às dèidh sin gum bu chòir dha a bhith a' cluich ann am meadhan na pàirce.

Thuirt iad gur e cluicheadair sgileil is làidir a th' ann is gun deach a ghluasad tric air an t-seusan seo chaidh bhon sgioba aig ìre Fo 16 gu Fo 18 leis cho math 's a bha e a' cluich.

Cothrom

Dh'innis iad gu bheil e bliadhna nas òige na an dithis eile a fhuair preantasachd - Mata Strachan is Calum MacAoidh - ach gun robh e air an cothrom a chosnadh.

'S e Calum bràthair Daniel MhicAoidh, a tha dìreach air tilleadh air iasad a dh'Inbhir Nis bho Hibs.

"Tha fios againn gur e balaich dhìcheallach is sgileil a tha seo is gheibh iad cothrom an seo tighinn air adhart", thuirt àrd-choidse ICT, Billy Dodds.

"Tha an club air cothrom a thoirt do bhalaich às an sgìre roimhe is chan eil adhbhar sam bith nach lean iad feadhainn eile a-steach dhan chiad sgioba.

"Tha fadachd orm a bhith ag obair còmhla riutha", thuirt e.

Thàinig an naidheachd dìreach seachdainnean às dèidh do dh'Anndra MacLeòid bhon Bhac an Leòdhas ainm a chur ri preantasachd le Ross County.

/naidheachdan/62132432