Main content

Aon gheama eile airson cothrom air a' chupa

Chan eil ach aon gheama eile eadar ceathrar sgiobaidhean agus cothrom crìoch a chuir air seusan a' bhuill-coise le cupa na h-Alba - cothrom gleans a chur ris an t-seusan ann an còrr agus aon dòigh.

Tha na ceithir sgiobaidhean seo air slighean gu math eadar-dhealaichte bho chèile a ghabhail airson an ìre seo dhen cho-fharpais a ruigsinn, ach le Rangers agus Celtic mur thà air tuiteam a-mach as a chupa, tha fios gum bi gach fear dhe na sgiobaidhean a tha air fhàgail mothachail air cho math 's a tha na cothroman aca an t-seann chupa a bhuannachadh am-bliadhna.

'S ann air Dundee United agus Hibs a bhios an cuideam nochdadh air pàirce Hampden an toiseach agus iad gus cluich an aghaidh a-chèile anns a' chiad iar-chuairt deireannach Disathairne.

Thòisich turas Dundee United ann am farpais na seusan-sa le geama aig an taigh an aghaidh Partick Thistle aig Tannadice. Bha na Terrors feumach air dà thadhal anmoch airson tighinn seachad air sgioba lìog a h-aon. 'S iad Lawrence Shankland agus Nicky Clarke a fhuair na tadhail airson an gèam sin a thionndadh ann an fàbhar United.

Lean turas gu Station Park a chluich an aghaidh Forfar anns an ath chuairt. Rinn tadhal Peter Pawlett an diofar agus gillean Micky Mellon a' dèanamh cinnteach gum biodh iad anns na cairteal cuairtean deireannach. 'S e geama an 'New Firm' an aghaidh Obar Dheathain a bhiodh a' feitheamh air United an sin.

Le trì tadhail gu neoni, sguab United na Dons aig Stephen Glass gu aon taobh, le Mark McNulty a' lorg an lìon dà thuras, le tadhal air gach taobh de oidhirp bho Ryan Edwards.

'S e cupa na h-Alba an cothrom mu dheireadh aig United seusan 2020/2021 a chomharrachadh anns an dòigh a bhiodh iad ag iarraidh. Às dèidh briseadh-dùil crìochnachadh anns an leth ìosal dhen lìog, chan eil United ach air a bhith a' dol suas agus sios air a' phàirc.

Bidh Micky Mellon feumach air deagh thaisbeanaidhean bho na fir aig aghaidh na sgioba. Le dìreach coig-tadhail-deug eadarra anns an lìog air an t-seusan-sa, bidh am manaidsear an dòchas gum bi Lawrence Shankland agus Nicky Clarke ann an sunnd beagan nas fheàrr anns a' chupa. Ma bhitheas, bidh cothrom aig sgioba Tannadice buannachadh an aghaidh Hibs airson a' chiad uair air an t-seusan-sa.

Leis an dà chuid iar-chuairt deireannach ri chluich an aghaidh United agus an uairsin geama gu math cudromach airson an treas àite anns an lìog ri chluich an aghaidh Obar Dheathain, tha grunn làithean dhuilich ri thighinn do Hibs.

Thòisich iomairt na Hibees ann an cupa na bliadhna-sa aig Pàirce Phalmerston, agus turas aca a chluich an aghaidh Queen of the South bhon Championship. Chaidh an oidhche le sgioba Easter Road le dà thadhal bho Christian Doidge a' tighinn ro oidhirp bho Mhàrtainn Boyle. Le chèile, rinn iad cinnteach nach dèanadh tadhal aig Seumas Maxwell aig Queens diofar.

Mar dhuais bha turas eile gu deas agus an t-Sròn Reamhar a' feitheamh air na Hibees. Cha robh gu leòr aig sgioba Stair Park ge-tà agus Hibs a' cur ceithir seachad air an sgioba bhon cheathramh ìre. Bha Doidge air targaid a-rithist, ach an turas seo 's e cothrom aig Boyle a bh' ann dà thadhal eile fhaighinn. Fhuair fear eile a tha air ghleus - Kevin Nisbet - tadhal eile airson Hibs a chur troimhe.

Bha deuchainn na bu dhoirbhe ri thighinn anns na cairteal cuairtean deireannach. Bha Hibs dà thadhal air thoiseach an aghaidh Tobar na Màthair, ach thill na Steelmen le dà thadhal iad fhèin anns na deich mionaidean mu dheireadh. Ged a bhuannaich na Hibees le breaban-peanas, aig amannan tha iomairt cupa na h-Alba air neartan agus laigsean an sgioba a thaisbeanadh. Tadhail ann am pailteas, ach dìon as urrainn aig amannan tuill fhàgail fosgailte.

Didòmhnaich tachraidh aon sgioba a tha air Cupa na h-Alba a bhuannachadh aon turas nan eachdraidh, agus sgioba eile nach eil air Cupa na h-Alba a bhuannachadh bho 1987 - nuair a bhuannaich iad an tiotal airson an treas turas.

'S ann ann an 2014 a bhuannaich St Johnstone Cupa na h-Alba, agus chur na Saints ris an tiotal sin le bhith buannachadh Cupa lìog na h-Alba air an t-seusan-sa. Ach 's ann ann an Cupa na h-Alba a tha iad air deàrrsadh bho chionn ghoirid.

Thàinig na Saints seachad air Dùn Dè anns an treas cuairt dhen cho-fharpais agus iad a' buannachadh 1-0 aig Dens. 'S iad Clyde a bha nan aghaidh anns an ath chuairt, leis na Saints a' buannachadh gun freagairt a-rithist le tadhail bho Guy Melamed agus Michael O' Halloran.

'S ann anns na cairteal cuairtean deireannach a bha an deuchainn bu mhotha aig na Saints anns a' chupa thuige seo le turas gu Ibrox. Chuir St Johnstone crìoch air oidhirp Rangers cuir ri tiotal an lìog le tadhal anmoch agus an uairisin taisbeanadh sgoinneil bhon an spot.

Tha St Johnstone air a bhith gu mòr an urra ris an loidhne dìon aca air an t-seusan-sa, le Jason Kerr agus Shuan Rooney air a bhith nam pàirtean mòra dhen t-seusan air leth a tha seo aig sgioba Pheairt.

Ach bhris an naidheachd gum bi ceathrar chluicheadairean aig na Saints a dhìth bhon ghèam an aghaidh St Mirren às dèidh dearbhadh de chùisean COVID-19 anns an sgioba. Chan e sin an t-ullachadh a bha manaidsear an sgioba, Callum Davidson, ag iarraidh ro gheama sam bith - ach gu h-àraid ro gheama cho mòr.

Do St Mirren aig Jim Goodwin, tha cothrom ann an cupa a bhuannachadh airson an ceathramh turas. Bidh iadsan an dòchas cuir ri geamannan anns an do shoirbhich iad anns a' chupa an aghaidh Hamilton le trì tadhail gu neoni, an aghaidh Caley Thistle Inbhir Nis le dà thadhal gu neoni agus an uair sin an aghaidh Cille Mheàrnaig le breaban-peanais.

Bidh Saints Phàislig cuideachd an dòchas faighinn seachad air a' bhith a' call an aghaidh Accies anns an lìog anns a gheama mu dheireadh aca. Tha an tàlant aig na Buddies airson tighinn seachad air St Johnstone agus tha iad air buannachadh nan aghaidh mar-thà air an t-seusan-sa.

Crochaidh na cothroman aca air Jamie McGrath ann am meadhan na pàirce. Seo fear a tha air nochdadh le tadhail gu math cudromach mar-thà air an t-seusan-sa. Ach ma tha esan a' dol a dh'fhosgladh dorsan aig aon cheann, feumaidh Jak Alnwick agus Joe Shaughnessy doras a' chumail dùinte aig a cheann eile.

Chan eil ach ceithir sgiobaidhean air fhàgail anns a' chupa. Aig deireadh Là na Sàbaid, cha bhi ach a dhà air fhàgail a' farpais airson Cupa na h-Alba.

/naidheachdan/57023430