![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0gt1kg5.jpg)
An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn
An t-Urr A Mac a' Ghobhainn le seirbheis Bliadhn' Ùr. Rev A Smith with a New Year Service from 2014.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 139: 5-6 agus os cionn na seinn tha Donnie M MacLeòid le taic bho na còisirean a bha sàs anns a' phròiseact, Lasair Dhè.
Do Là mh a Chrìosda air a sheinn le Catrìona Ann Nic-a-Phì
Ùrnaigh an Tighearna air a sheinn le Joanna Peteranna
Athchuinge O Righ nan Dùl air a sheinn leis na còisirean a bha an sàs sa phròiseact, Lasair Dhè
Leughaidhean:
Ecclesiastes 3: 1-12
Soisgeul Lùcais 1: 67-75
Tha Mgr Mac a' Ghobhainn air a dhreuchd a leigeil dheth an-diugh ach 's ann san arm a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de mhinistrealachd. Bha e a' frithealadh rèisimeidean leithid Rèisimeid na Banrigh anns a' Ghearmailt, Èirinn a Tuath, agus sna h-Eileanan Falkland agus bha e cuideachd na thaic aig rèisimeidean air feadh na dùthcha eadar Sasann is Alba. Bho à m gu à m bhiodh e a' dol còmhla ri seann saighdearan agus bhiodh e os cionn seirbheisean cuimhneachaidh anns an Fhraing agus à iteachan eile. Dh'fhà g e an t-arm san Lùnastal 1991.
'S ann do sgìre Cheòis air na Lochan ann an Leòdhas a bhuineas Mgr Mac a' Ghobhainn. Chaidh e gu Bun-sgoil Chnoc Iain Duibh, Àrd-sgoil MhicNeacail agus gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain.
Chaidh a phòsadh ri clèir Uibhist agus bha e a' frithealadh coitheanal Bheinn a' Bhadhla, far an robh e cuideachd na mhinistear aig ionad an airm, mas deach e a fhrithealadh rèisimeidean thall 's a bhos chun Lùnastal 1991.
Mìos às dèidh dha an t-arm fhà gail thòisich Mgr Mac a' Ghobhainn na mhinistear-cuideachaidh aig gnìomhachas na h-ola far an robh e stèidhichte ann an Obar Dheathain. Bha an obair aige mar mhinistear-cuideachaidh ga thoirt a-mach gu cruinn-ola sa Chuan a Tuath agus ann am Bà gh Poll a' Ghrùthain a latha agus a dh'oidhche. 'S iomadh Nollaig a chuir e seachad air clà r-ola ann an droch thìde còmhla ris an luchd-obrach. Bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd anns a' Mhà irt 2006.
Tha Mgr Mac a' Ghobhainn a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth - uill, gu ìre co-dhiù ! Tha e nise a' fuireach ann an Dùn Èideann, ach tha obair na ministrealachd fhathast ga chumail trang eadar a bhith a' searmonachadh anns a' Ghà idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann agus a' dèanamh sheirbheisean fhathast airson an airm agus a' toirt taic dhaibhsan a tha air fulang air sgà th a bhith san arm no tha air buill dhen teaghlaichean a chall ri linn 's gu robh iad anns an arm.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin bidh e a' cur seachad tòrr ùine còmhla ri theaghlach - tha ceathrar mhac aige fhèin 's a bhean, Seonag. Bidh e cuideachd a' cur seachad tòrr ùine a' leughadh - gu h-à raidh leabhraichean air diadhachd - a' tadhal air an leabharlann agus ann an ionadan ealain. Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl bho phuirt-a-beul gu ceòl clasaigeach agus a bharrachd air an sin is toigh leis a bhith a' tadhal air eaglaisean, a' sreap bheanntan agus a' cumail sùil air a' mhuir.
Last on
Broadcasts
- Sun 5 Jan 2014 09:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2014 15:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Sep 2014 09:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Sep 2014 15:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2023 21:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal