Main content

Episode 4

Episode 4 of 15

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh G脿idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur G脿idhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu s貌nraichte do luchd-ionnsachaidh na G脿idhlig.

Gach seachdain tre貌raichidh Iain Urchardan sibh tro ch貌mhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn G脿idhlig.

Sa phr貌gram seo, tha Iain a' c貌mhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Hilary Christie 脿 Gleann L矛obhait agus a' cluinntinn mu a roghainn-ci霉il agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghr脿mair.

John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Hilary Christie of Glenlivet about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the 麻豆官网首页入口 archives to illustrate some of the complexities of the language.

Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.

Available now

53 minutes

Last on

Sun 25 Jul 2021 10:30

Tar-sgr矛obhadh: Runrig: Play Gaelic

Calum D貌mhnallach agus Art MacCarmaig


Art: Uill uill, bha a鈥 ch霉is a鈥 s矛or ghluasad. 脵idh aig Lismore Recordings anns na balaich, cothrom cl脿r a chur ri ch猫ile, ach cha robh an rathad gu bhith cho r猫idh sin. Bha aonta ri ruighinn mu l脿ithean-cl脿raidh, an dealbh a bha gu bhith air a鈥 ch猫is agus rud neo dh脿 eile.


Ach an d猫idh c貌mhradh agus deasbad thall 鈥檚 a bhos, chaidh a鈥 ch霉is a r猫iteach, is bha na balaich deiseil airson a dhol a-steach dhan sti霉idio airson a鈥 chiad uair agus ceum m貌r eile a ghabhail nam beatha.


Le faclan, innealan-ci霉il is eagal am beatha orra, rinn iad air na studios cl脿raidh, agus bha Play Gaelic air an t-slighe. No an robh? Bha t貌rr ri ionnsachadh.


Calum: Cha do dh鈥檕braich sinne riamh ann an sti霉idio ron a sin, agus (tha mi) a鈥 smaointinn, bha sinn uile a鈥 faireachdainn gu math uaine. Cha robh ann d矛reach ach an tri霉ir againn, Donnie, mi fh猫in is Ruairidh a鈥 tighinn a-null 脿 D霉n 脠ideann a h-uile latha.


Th貌isich sinn air Diluain agus ged a bha a鈥 chiad latha no dh脿 gu math cugallach, mu dheireadh na seachdain bha sinn a鈥 f脿s caran bragail mu dheidhinn an gnothach. Agus Rob bochd nach maireann, Rob D貌mhnallach, bha esan ann an Inbhir Nis. Bha e a鈥 teagasg ann a shin, agus cha b鈥 urrainn dha faighinn dheth obair airson na seachdain idir. Agus mar sin, bha esan gu bhith a鈥 tighinn s矛os air Oidhche Dihaoine.


Bha Rob ann an deagh thrum mar as 脿bhaist. Ach mhothaich sinn fhad 鈥檚 a bha sinn a鈥 tighinn nas fhaisge air an sti霉idio, th貌isich Rob a鈥 dol caran s脿mhach. Agus uill, nuair a chunnaic e an taigh m貌r, an sti霉idio mu choinneimh, chaidh na nerves tha mi a鈥 smaointinn d矛reach troimh-a-ch猫ile uile gu l猫ir.

Tar-sgr矛obhadh: L脿ithean Geala 4

Bean an Taighe


Tha Calum gl猫 choltach ri athair, ach is ann ri a m脿thair a tha M脿iri coltach. Tha iad le ch猫ile beag, sgiobalta, le falt dubh, s霉ilean gorma, agus gruaidhean dearga.


Rugadh agus thogadh m脿thair na cloinne ann an Cnoc an Fhraoich, d脿 mh矛le gu leth an iar air Loch an D霉in. Is fhada bhon bha i fh猫in agus Seumas, an duine aice, e貌lach air a ch猫ile, oir bha iad c貌mhla anns an sgoil, ann an Coir an t-S矛thein. Is e M貌rag NicCoinnich an t-ainm a bha oirre anns an sgoil. Tha ise nis cho d猫idheil air Loch an D霉in ri Seumas fh猫in, ach is tric a bheir i sgr矛ob fhathast gu Cnoc an Fhraoich. Bidh a鈥 chlann a鈥 dol ann cuideachd. Is f矛or thoigh leotha a dhol air ch猫ilidh air an seanair agus an seanmhair, agus air Alasdair, br脿thair am m脿thar, a tha na ch矛obair ann an Cnoc an Fhraoich.


An uair a dh鈥檉h脿g M貌rag, m脿thair na cloinne, sgoil Choir an t-S矛thein aig aois cheithir bliadhna deug, thug i c貌rr is d脿 bhliadhna ag obair anns an taigh-貌sta ann an 脌ird na Creige, far am bi m貌ran do luchd-turais a鈥 tighinn air chuairt gach samhradh. Bha i an d猫idh sin c貌ig bliadhna ann an Glaschu, ann an D霉n 脠ideann, agus anns an 脪ban, mus do ph貌s i. Tha i mar sin gl猫 e貌lach air tir-m貌r, ach is fhe脿rr leatha gu m貌r a bhith anns an eilean far an do thogadh i, agus cha bhi i tric a鈥 dol a dh鈥櫭爄te eile; chan eil cus 霉ine aice co-dhi霉. A h-uile samhradh bidh i fh猫in agus a鈥 chlann a鈥 dol cuairt don Ghearastan. Tha Anna, a piuthar, p貌sta an sin, agus tha tri霉ir chloinne aice, D貌mhnall is Coinneach is Se貌naid.


Ged a tha M貌rag beag, tha i air leth math air obair, agus is ise a dh鈥檉heumadh sin, oir tha gu le貌r aice ri dh猫anamh, eadar an taigh, a鈥 chroit, a鈥 chlann, agus a h-uile rud. Cha mh貌r a chanadh gun d猫anadh i na tha i a鈥 d猫anamh, is gun innte ach c貌ig troighean agus tr矛 貌irlich a dh鈥櫭爄rde; ach tha l霉ths math innte, agus cha chuir obair chruaidh c霉ram idir oirre.


A. Freagair na ceistean seo a-nis - agus sin cho math 鈥檚 a tha agad!


1.听 D猫 an dath a tha air falt M脿iri, air a s霉ilean agus air a gruaidhean?
2.听 D猫 an dath a tha air d鈥 fhalt fh猫in, agus air do sh霉ilean?
3.听 D猫 an t-astar a tha eadar Cnoc an Fhraoich agus Loch an D霉in?
4.听 D猫 an t-astar a tha eadar an taigh agaibh fh猫in agus am baile as giorra dha?
5.听 C貌 air a bhitheas m脿thair M脿iri a鈥 dol air ch猫ilidh?
6.听 C貌 air a bhitheas tu fh猫in a鈥 dol air ch猫ilidh?
7.听 D猫 an aois a bha M貌rag an uair a dh鈥檉h脿g i an sgoil?
8.听 D猫 an aois a bhitheas tu fh猫in an uair a dh鈥檉h脿gas tu an sgoil seo?
9.听 D猫 an aois a bha thu an uair a th脿inig thu innte?
10. C脿it a bheil piuthar M貌raig a鈥 fuireach?
11. D猫 bhitheas br脿thair M貌raig a鈥 d猫anamh?
12. C脿it am bi M貌rag agus a鈥 chlann a鈥 dol a h-uile samhradh?
13. C脿it am bi thu fh猫in a鈥 dol?
14. D猫 an 脿ird a tha ann am m脿thair na cloinne?
15. Saoil d猫 an 脿ird a tha ann am balla na h-eaglaise?


B. Cuir facail fhreagarrach far a bheil feum orra:


1. Bidh sinn a鈥 faicinn le ar....
2. Bidh sinn a鈥 cluinntinn le ar....
3. Bidh sinn ag obair le ar....
4. Bidh sinn ag ithe le ar....
5. Bidh sinn a鈥 ruith le ar....
6. Is ann le.... a bhitheas duine a鈥 sgr矛obhadh.
7. Tha an tuathanach a鈥 treabhadh le....
8. Bidh sinn a鈥 ruamhar le....
9. Bidh sinn ag iasgach le....
10. Tha an gille ag iomain le....


C. Bi air d鈥 earalas leis an fheadhainn seo!


1. Cia mheud 貌irleach a tha ann an troigh?
2. Cia mheud troigh a tha ann an slait?
3. Cia mheud 貌irleach a tha ann an slait?
4. Cia mheud 貌irleach a tha ann an d脿 throigh gu leth?
5. Cia mheud 貌irleach a tha ann an d脿 shlait gu leth?
6. C貌 aca as fhaide - slat gu leth no ceithir troighean?
7. C貌 aca as truime - punnd iarainn no punnd itean?
8. Cia mheud earball cait a ruigeadh an t-adhar?

Tar-sgr矛obhadh: Thuige Seo

M脿iri Anna NicDh貌mhnaill ann an c貌mhradh ri D貌mhnall Moireasdan


M脿iri Anna: Gu 矛re, bha mi a鈥 smaoineachadh gur d貌cha gun d猫anainn barrachd le c脿nain anns an oilthigh. Bha mi a鈥 smaoineachadh gun d猫anainn Gearmailtis, ach nuair a bha thu a鈥 dol a dh鈥檕ilthigh Ghlaschu an uair sin, bha neach-comhairleachaidh aig a h-uile duine, is bha thu a鈥 dol a choimhead air an duine sin. Chan eil mi idir a鈥 dol a dh鈥檃inmeachadh c貌 e, ach tha e be貌, tha fhios aige fh猫in! A鈥 chiad latha a bha thu san oilthigh, bha thu ann a shin nad neoichiontach, beag, seachd bliadhn鈥 deug ag r脿dh, 鈥淭ha mise a鈥 smaoineachadh gun d猫an mi seo, gun d猫an mi Beurla is G脿idhlig is Gearmailtis!鈥


Uill, choimhead an duine seo orms鈥 is thuirt e, 鈥淭ha Gearmailtis aig naoi uairean sa mhadainn.鈥


Bha se貌rsa de.... bha t貌rr air c霉laibh sinach. Bha sin ag r脿dh, 鈥楥han eil thusa coltach ri t猫 tha dol a dh鈥櫭╥righ son clas aig naoi uairean sa mhadainn.鈥 Bha e cho ceart ri ceart, cha do ghabh mi idir e.


D貌mhnall: D猫 rinn thu ma-th脿?


M脿iri Anna: Rinn mi litreachas na h-Alba, bha sin air aig meadhan-latha.


D貌mhnall: Chan eil mi gad chreids鈥. Rinn thu e air sg脿th 鈥檚 gun robh 霉idh agad ann a-nise.


M脿iri Anna: Uill, bha se貌rsa.... bha 霉idh agam ann gu 矛re. Bha mi ag iarraidh psychology a dh猫anamh, is thuirt e rium gun robh mi ro 貌g. Bha mi ro 貌g airson psychology, bha mi ro leisg airson Gearmailtis. Cha robh e a鈥 f脿gail cus agam!


D貌mhnall: Rinn thu G脿idhlig cuideachd.


M脿iri Anna: Rinn mi G脿idhlig airson bliadhna. Rinn mi G脿idhlig is Beurla, Litreachas na Beurla, Litreachas na h-Alba.


D貌mhnall: Is carson a lean thu le Litreachas na Beurla seach G脿idhlig?


M脿iri Anna: Uill, bha G脿idhlig.... ma bha thu a鈥 dol a chumail ort le G脿idhlig, dh鈥檉heumadh tu Cuimris is G脿idhlig na h-脠irinn a dh猫anamh, is bha sin a鈥 coimhead cianail fh猫in doirbh is bha Beurla a鈥 coimhead cianail fh猫in furasta. Ach, gu mi-fhortanach, aon uair 鈥檚 gun d鈥 rinn thu do roghainn gun d猫anadh tu Beurla, th脿inig an uair sin Anglo Saxon, seann Lochlannais, seann Ghearmailtis! Th脿inig na c脿nain doirbh na sreath is na sruth! 鈥橲 d貌cha gum bithinn a bhith na b鈥 fhe脿rr a鈥 fuireach far an robh mi leis a鈥 Chuimris.

S霉il air a' Mhapa 4

Both. A hut or booth. B-O-T-H. Tha an eileamaid seo meadhanach pailt ann an ainmean-脿ite. Mar eisimpleir, Bohuntine, faisg air a鈥 Ghearasdan. 鈥橲 e sin Both Fhionndain 鈥 Findan鈥檚 hut. Bha Fionndan na naomh 鈥 a saint. Tha Bohally 鈥 no Both 脌laidh 鈥 ann an Siorrachd Pheairt. Tha daoine dhen bheachd gu bheil e ag ainmeachadh naomh eile. Ann am Moireibh, tha Bomakelloch 鈥 Both Mo Cheallaig 鈥 the hut of St Ceallag. Naomh eile!


Tha Naomh Cainnear air a chuimhneachadh ann an Siorrachd Shruighlea ann am Both Cainneir. Ann am Beurla bidh daoine ag r脿dh Bothkennar. Tha iad a鈥 fuaimneachadh an 鈥榯h鈥 oir bha an 鈥榯h鈥 air fhuaimneachadh anns an t-seann Gh脿idhlig.


Chan eil 鈥榖othan鈥 an-c貌mhnaidh co-cheangailte ri naomh. Tha Bochastle faisg air Calasraid no Callander. Sin Both a鈥 Chaisteil 鈥 the hut of the castle. Bha am both air a thogail faisg air gearasdan a bha uaireigin aig na R貌manaich 鈥 鈥檚 e sin an 鈥榗aisteal鈥.


A bheil ainmean-脿ite le 鈥榖oth鈥 annta a tha ainmeil? Uill, tha. Uaireannan, ge-t脿, chan eil e follaiseach gur e ainm le 鈥楤oth鈥 a th鈥 annta. Oir, ann am Beurla, tha an t-ainm a鈥 t貌iseachadh le 鈥楤al-鈥. Mar eisimpleir Both Chuidir. 鈥橲 e sin Balquhidder ann am Beurla. Agus Both Mhoireil ann an Siorrachd Obar Dheathain. 鈥橲 e sin Balmoral. Both Mhoireil. Far a bheil caisteil r矛oghail ainmeil an-diugh, bha both s矛mplidh ann uaireigin. Ach bidh an teaghlach r矛oghail nas toilichte ann an caisteal na bhitheas iad ann am both!

Oisean a鈥 Ghr脿mair 4: Notaichean

1. RI....


Art MacCormaig (鈥楻unrig鈥):


鈥淏ha aonta ri ruighinn mu l脿ithean-cl脿raidh, an dealbh a bha gu bhith air a鈥 ch猫is agus rud neo dh脿 eile.鈥澨
鈥淎驳谤别别尘别苍迟 had to be / was to be reached about recording days, the picture for the album cover and one or two other things.鈥
鈥淏ha t貌rr ri ionnsachadh.鈥澨
鈥淭here was plenty to be learnt / plenty to learn.鈥


Tha mi ag ionnsachadh.听听听听
鈥業鈥檓 learning.鈥櫶
Tha t貌rr agam ri ionnsachadh.听听
鈥業鈥檝e got plenty to learn / plenty needing learnt.鈥


Tha mi a鈥 togail pasgan.听听听听
鈥業鈥檓 picking up a package.鈥
Bha pasgan ri thogail.听听听
鈥楾here was a package to be picked up / needing picked up.鈥


D猫 tha thu a鈥 d猫anamh?听听听听
鈥榃hat are you doing?鈥
D猫 tha ri dh猫anamh?听听听听
鈥榃hat鈥檚 to be done?鈥 鈥榃hat鈥檚 needing done?鈥


Tha t貌rr ri chluinntinn agus t貌rr ri ionnsachadh.听听听听
鈥楾here鈥檚 plenty to hear and plenty to learn.鈥


2. S脵IL AIR AIS听 (Faicibh Pr貌gram 3)


MU CHOINNEIMH.... (鈥榦pposite, facing....鈥)听听听


Coltach ri听听 air beulaibh.... , ri taobh.... , etc. (Pr貌gram 3):


mu choinneimh sin听听听听 鈥榦pposite that鈥
mu choinneimh na sgoile听听听听 鈥榦pposite the school鈥


mu mo choinneimh听听听听 鈥榦pposite me鈥櫶
mu do choinneimh听听听听 鈥榦pposite you鈥
ma choinneimh听听听听 鈥榦pposite him/it鈥
ma coinneimh听听听听 鈥榦pposite her/it鈥櫶


mar coinneimh听听听听 鈥榦pposite us鈥
mur coinneimh听听听听 鈥榦pposite you鈥
mun coinneimh听听听听 鈥榦pposite them鈥櫶


Calum D貌mhnallach (鈥楻unrig鈥)


鈥淎gus uill, nuair a chunnaic e an taigh m貌r, an sti霉idio mu choinneimh, chaidh na nerves tha mi a鈥 smaointinn d矛reach troimh-ch猫ile uile gu l猫ir.鈥澨
鈥淎nd well, when he saw the big house, the studio in front of him / facing him, I think his nerves just went all over the place / he just lost his nerve.鈥澨


an sti霉dio ma choinneimh听听听听
鈥榯he studio opposite him, facing him鈥


CHO.... RI听 (鈥榓s.... as鈥)听听


M脿iri Anna NicDh貌mhnaill:


鈥淏ha e cho ceart ri ceart鈥澨
鈥淗e was absolutely right.鈥澨


cho ceart ri ceart听听 =听听 gu tur ceart, 鈥榓bsolutely right鈥
cho ce脿rr ri ce脿rr听听 =听听 gu tur ce脿rr, 鈥榯otally wrong鈥


Tha iad cho ce脿rr ri ce脿rr.听听听听
鈥楾hey couldn鈥檛 be more wrong.鈥櫶
Tha na p脿rantan b脿n ach a鈥 chlann cho ruadh ri ruadh.听听听听
鈥楾he parents are fair-haired but the children are as red-haired as they come.鈥

Abairt na Seachdain

An doras air an tig amharas a-steach, th猫id gr脿dh a-mach.

Broadcasts

  • Sun 10 Apr 2016 21:27
  • Wed 13 Apr 2016 12:00
  • Wed 13 Apr 2016 22:00
  • Sun 17 Apr 2016 10:30
  • Sun 24 Jul 2016 21:30
  • Wed 27 Jul 2016 12:00
  • Wed 27 Jul 2016 22:00
  • Sun 31 Jul 2016 10:30
  • Sun 18 Jul 2021 21:30
  • Wed 21 Jul 2021 12:00
  • Wed 21 Jul 2021 22:00
  • Sun 25 Jul 2021 10:30

Podcast