Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach

Còmhla ri Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhir Nis. Gaelic religious service with Donald J Morrison, evangelist, Free Church Continuing.

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 89: 15-16 air fonn Torwood agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.

Salm 31: 23-24 air fonn St David agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chnuic.

Leughadh: Iosua 24: 1-15
Ceann-teagaisg: Iosua 24: 15

'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheàrr dha na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.
Mus deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon roinn phoblaich agus phrìobhaidich airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.
Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chur e seachad trì bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an-dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phàirt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.

30 minutes

Dòmhnall Iain Moireasdan

Dòmhnall Iain Moireasdan

A' chlann aig Dòmhnall Iain Moireasdan

A' chlann aig Dòmhnall Iain Moireasdan

Broadcasts

  • Sun 4 Dec 2016 09:00
  • Sun 4 Dec 2016 15:00
  • Sun 17 Sep 2017 09:00
  • Sun 17 Sep 2017 15:00