![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0gt1kg5.jpg)
An t-Urr Niall Dòmhnallach, Eaglais Shaor Manachainn Rois 1996
Seirbheis bho 1996 còmhla ris an Urr Niall Dòmhnallach, Eaglais Shaor Manachainn Rois. Gaelic archive service from 1996 conducted by Rev Neil MacDonald, Fearn Free Church.
Seirbheis bho 1996 còmhla ris an Urr Niall Dòmhnallach, Eaglais Shaor Manachainn Rois
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 2:7-8 air fonn Montrose agus 's e Eòin MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 89:15-16 air fonn Torwood agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.
Leughadh : Eòin 2: 1-34
Ceann-teagaisg: Eòin 2: 29
Rugadh Niall Dòmhnallach ann an sgìre Ghriosornais anns an Eilean Sgitheanach ann an 1932.
Bha còignear anns an teaghlach aca - triùir bhalach agus aon nighean. Na òige chaidh e gu Bun-sgoil an Aodainn Bhà in agus às an sin gu Àrd-sgoil Dhùn Bheagain agus Phort Rìgh. Cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann le ceum anns na h-ealain agus às dèidh sin rinn e cùrsa teagaisg airson bliadhna. Is ann tron bhliadhna sin a dh'fhàs e mothachail gun robh e air a thà ladh chun na ministrealachd agus le sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1955.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Loch Aillse air taobh siar Rois ann an 1959. Phòs e Catriona Mason à Tairbeart, Earra-Ghà idheal ann an 1962 agus bha dithis nighean aca. Ann an 1970 ghluais iad à Loch Aillse gu Eaglais Shaor Sgìre Manachainn Rois.
Na dhreuchd mar mhinistear bha e cuideachd na cheannard air grunn chomataidhean, nam measg na cheannard dà thuras air Comataidh Trèanaidh na Ministrealachd agus bha e na neach-deasachaidh air na duilleagan Gà idhlig air iris mhìosail na h-eaglaise airson còrr air sia bliadhna. Chaidh cuideachd a thaghadh na Mhodarà tair air an Àrd-sheanadh ann an 1996.
Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh, ag obair sa ghà rradh, a' siubhal agus ag ùrachadh seann à irneis.
Last on
An t-Urr Niall Dòmhnallach
![An t-Urr Niall Dòmhnallach](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/160x90/p05lg8vg.jpg)
Broadcast
- Sun 29 Oct 2017 21:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal