Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr. Coinneach MacLeòid, Eaglais Shaor Bharabhais bho 1998

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr. Coinneach MacLeòid, Eaglais Shaor Bharabhais Gaelic service from Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú archives with Rev Kenneth MacLeod, Barvas Free Church 1998.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:

Salm 51: 9-10 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìde an Ear.

Salm 59: 16-17 air fonn Torwood agus 's e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac

Leughadh:Sechariah 12: 1-14
Ceannn-teagaisg Mata 5: 4

Rugadh Coinneach MacLeòid ann an sgìre Leumrabhaigh air na Lochan, far an robh athair, a bhuineadh do sgìre Bharabhais, na mhiseanaraidh. Ghluais an teaghlach bho na Lochan dhan Rubha.
Dh'fhàg Coinneach an sgoil aig aois sia bliadhna deug agus chaidh e a dh'ionnsachadh obair saoirsneachd. Aig an àm sin bha aige cuideachd ri seirbheis nàiseanta a dhèanamh agus rinn e sin sa Chabhlach Mharsantach, agus dh'fhàg sin e a' dèanamh seachd bliadhna an àite a dhà aig muir. Anns an ùine sin aig muir shiubhail e timcheall an t-saoghail, a' chuid is motha den ùine sin eadar Astràilia agus New Zealand. Chòrd Astràilia ris na b' fheàrr agus bha sin gu math follaiseach bliadhnaichean às dèidh sin.
Nuair a rinn e na seachd bliadhna chaidh e an uairsin a dh'obair gu Seirbheis nan Taighean Solais agus thòisich e air obair a dhèanamh airson deuchainnean a shuidhe a bheireadh gu ìre oifigeir e. Fhad 's a bha e dèanamh seo dh'fhairich e gun robh aige ri ceum eile a ghabhail na bheatha agus a dhol a-staigh airson na ministrealachd. B' e sin a rinn e agus chaidh e a cholaiste Skerry ann an Glaschu airson e fhèin a dheasachadh airson a dhol tron oilthigh agus às dèidh sin chaidh e a dh'Oilthigh Obar Dheathain agus gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an DùnÈideann. Mus robh e deiseil dhan chùrsa aige, thàinig iarrtas thuige bho Chlèir taobh an Ear Astràilia a dhol na mhinistear air Eaglais Shaor Lios Mòr ann an NSW airson còig bliadhna. Chaidh e fhèin agus a bhean, Catriona, agus an leanabh aca, Dòmhnall a-null aig an àm.
Nuair a bha na còig bliadhna aige suas, thill e fhèin Catriona agus a-nise triùir a theaghlach air ais dhan dùthaich seo, far an robh e na mhinistear air coitheanal Bhaile Dhubhthaich airson ochd bliadhna. Bha leanabh eile aca nuair a bha iad ann am Baile Dhubhthaich.
Fhuair Mgr MacLeòid cuireadh tilleadh air ais a dh'Astràilia gu coitheanal Chlann MhicIlleathain ann an taobh an Ear Thuath na dùthcha far an robh e gus an d'fhuair e gairm bho choitheanal Bharabhais anns na naoidheadan. Thàinig Mgr MacLeòid agus a theaghlach air ais a dh'Alba airson ceithir bliadhna, anns an ùine sin bha e na mhodaràtor air àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire.
Thill Mgr MacLeòid 's a bhean agus triùir dhen teaghlach air ais a dh' Astràilia far a bheil e nis stèidhichte ann an sgìre MacLean. Ged a tha e air a dhreuchd a leigeil dheth tha e fhathast a' searmonachadh agus a' cur seachad ùine ag iasgach, cluich goilf, trang sa ghàrradh agus tha e cuideachd an sàs anns a' chruinneachadh Ghàidhealach a th'aca gach bliadhna ann am MacLean. Na bu tràithe am bliadhna bha Mgr Macleòid agus a bhean Catrìona air chuairt air ais anns na h-Eileanan a' coinneachadh ri càirdean is luchd-eòlais.

Release date:

30 minutes