
An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet, Dorset. Service with Rev Suzie Roberts, Longfleet Baptist Church, Dorset.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean, an salm agus an leughadh a leanas:
Salm 108: 1-6 agus 's e an comhlan Cliar a tha a' seinn bhon CD Lasair Dhè.
Donaidh M MacLeòid a' seinn 'Tha'n Grà dh Seo Cho Là idir'.
Muriel Urchardan a' seinn 'O Nach Domhainn Grà dh Grà smhor Iosa'.
Còisir Eaglais Naomh Barr a' seinn "Seo an Gaol mar Meud na Mara'.
Mairi NicAonghais a' seinn 'Gràs Dhè'.
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh as t-samhradh sa chaidh agus tha i fhèin is Micheal, an duine aice, stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet.