Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 8

Episode 8 of 10

Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine dhaibhsan a’ leantail riaghailt ithe. Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share recipes for specific diets.

Sa phrògram seo tha Griogar sa charaidean a’ sealltainn dhuinn dè nì iad dhaibhsan a dh’fheumas a bhi faiceallach dè dh’itheas iad. Nì Griogar fhèin cèic bhlasta teòclaid gun aon ugh no pioc ime ann.

Tha cothrom aige ceic orainds polenta fheuchainn, sa bheil almoin air am bleith a’ gabhail àite min-flùir. Na chidsin fhèin tha e a’ dèanamh pàidh sgoinneil dhaibhsan nach blais air feòil, le glasraich air am bruich le spìosradh agus luibhean.

Gregor and his trusted bakers and cooks show us their favourite recipes for catering to those with dietary requirements. Gregor tastes an egg-and-dairy-free chocolate cake which doesn’t compromise on flavour and is still the ultimate chocolatey treat.

He gets a slice of a gluten-free orange polenta cake which uses almonds instead of flour. And back in his own kitchen Gregor makes a tasty vegan pie layered with colourful vegetables cooked in spices and herbs.

29 minutes

An Lof Gharabhain aig Mairead (às aonais geir agus ìm)

An Lof Gharabhain aig Mairead (às aonais geir agus ìm)

1 cupa bleideagan garabhan (biadh bracaist)
1 cupa siùcar bog ruadh
1 cupa sultanas
1 cupa bainne
1 cupa flùr a dh’èireas
1 ugh air a bhualadh

Cuir na bleideagan garabhan am bogadh leis an t-siùcar, na sultanas agus am bainne fad còrr is dà uair a thìde neo fad na h-oidhche mas urrainn dhut.

An ath là/an ceann dà uair an uaireadair cuir ris am flùr tro shìolachan agus cuir mun cuairt leis an ugh.

Dòirt ann an tiona lof 2 phunnd le lìnigeadh oirre agus bruich san àmhainn aig 175C airson uair neo uair a thìde gu leth.    

Na Bonnaich Churran aig Kirsteen (às aonais cruithneachd is bainne na bà )

Na Bonnaich Churran aig Kirsteen (às aonais cruithneachd is bainne na bà )

Na Bonnaich
1 spàin-tì sòda arain
2 spàin-tì caineal
10 unnsa flùr èirigh gun chruithneachd
1 ugh
3 fl unnsa ola
3fl unnsa bainne sòighea 
4 unnsa siùcar
12 unnsa curran (air am bleith) 

´¡²ÔÌý°äò³¾³ó»å²¹³¦³ó
3 unnsa margarine
9 unnsa siùcar còmhdach
Spàin-bùird sùgh mhalpais

Cuir an soda, am flùr is a’ chaineal ri chèile tro shìolachan.

Buail an t-ugh còmhla ris an ola, am bainne agus an t-siùcar. Cuir ann na currain agus cuir mun cuairt.

Dòirt an stuth fliuch am measg an stuth tioram agus measgaich gu math.

Roinn seo am measg cèisean muffin (tha gu leòr ann airson dusan) agus bruich san àmhainn aig teas 180C airson mu 15 gu 20 mionaid.

Leig leotha fuarachadh gu math mus cuir thu còmhdach orra.  

Airson an còmhdach, buail an toiseach an t-ìm gus am bi e bog. An uairsin cuir ann leth dhen t-siùcar agus buail a-rithist. Mu dheireadh cuir ann an sùgh mhalpais agus an còrr dhen t-siùcar agus buail gus an tig e ri chèile na mheasgachadh uachdrach. Sgaoil seo air muin gach bonnach.

Na Briosgaidean Teòclaid is Coirce aig Griogair (às aonais cruithneachd is bainne na bà)

Na Briosgaidean Teòclaid is Coirce aig Griogair (às aonais cruithneachd is bainne na bà)

100g coirce às aonais cruithneachd 
30g flùr coirce às aonais cruithneachd
50g almoin pronn
80ml ola chnò-còco air a leaghadh
3 spàin-bùird siorap
Teòclaid anns nach eile bainne neo cruithneachd

Cuir air an àmhainn aig 180C

Ann am bobhla cuir ri chèile an coirce, am flùr, na h-almoin agus an t-salann.

Dòirt a-staigh an t-ola agus an t-siorap agus cuir mun cuairt gus am bith e uile measgaichte.

Cuir làn spàin mhòr airson gach briosgaid air treadha àmhainn  – feuch nach bi iad ro fhaisg air a chèile.  Sgapaidh iad fhad  ‘s a tha iad a bruich.

Cuir dhan àmhainn iad airson cairteal na h-uaireach – no dhà no trì mhionaidean nas lugha.

Leig leotha fuarachadh buileach mus cuir thu còmhdach teòclaid air bonn gach briosgaid. Cuir pàtran san teòclaid le forca.

Credits

Role Contributor
Presenter Gregor Macleod
Production Manager Sajid Quayum

Broadcasts

Reasabaidhean - Sreath 8

Reasabaidhean - Sreath 8

Na reasabaidhean bhon t-sreath ùr.

A' Fuine le...

Series in which Mairi MacRitchie meets some of the country's best bakers.