Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dannsa Gàidhealach - An t-Slighe gu Còmhall/Highland Dancing – the Road to Cowal

Episode 5 of 13

A fast-paced look at the young dancers from around Scotland as they prepare to take part in the World Highland Dancing Championships.

Sùil èasgaidh air dannsairean òga bho air feadh Alba agus iad a' dèanamh deiseil pàirt a ghabhail ann an sàr fharpais saoghal dannsa ghàidhealach - Farpais Dannsa Gàidhealach an t-Saoghail, a th' air a chumail gach bliadhna aig Geamaichean Chòmhaill ann an Dùn Omhain.

Bho Maria à Glaschu a tha a' gabhail cùisean gu socair, rèidh; Emma bho na Hearadh a tha uaireannan air bhioran le iomagain; agus am màthair agus nighean, Karen agus Beth bhon Eilean Sgitheanach - seallaidh sinn air dè dìreach a tha an lùib a bhith nad churaidh Dannsa Gàidhealach?

Coinnichidh sinn ri sàr dhannsairean aig a bheil mòr eòlas air na tha a dhìth, agus chì sinn an t-ullachadh cruaidh dùbhlanach anns a bheil a' chlann-nighinn an sàs. Chan ann mun dannsa a-mhàin a tha cùisean ge-tà. Feumar cuideachd clasaichean cor, neart agus fallaineachd a dhèanamh gach seachdain cuideachd.
Le Còmhall a' teannadh dlùth tha an t-ullachadh cuideachd a' sìor dhol am beud, agus tha fiù 's boot camp dannsaidh a' gabhail àite!

Tha barrachd ann na direach obair chruaidh ge-tà, agus tha caraidean a bhios agad gu bràth cuideachd na phàirt mhòr de shaoghal nan teaghlaichean dannsaidh.

Dannsa Gàidhealach - An t-Slighe gu Còmhall - a' cur car air an iomhaigh tartain, agus a’ sealltainn Dannsa Gàidhealach mar chruth ealain adhartach ùr-nodha - lùth-chleasaichean a tha a' trèanadh gu dìcheallach 24/7 's iad ag amas air an fhìor mhullach a ruighinn.

A fast-paced look at the young dancers from around Scotland as they prepare to compete at the pinnacle of the Highland dancing calendar - the World Highland Dancing Championships, held each year at the Cowal Games in Dunoon.

From the calm and collected Maria, from Glasgow, to Emma, from the Isle of Harris, whose nerves sometimes get the better of her, to Skye-based mother and daughter team Karen and Beth - we ask, what does it take to become a Highland dance champion?

We meet former champions, and also see the rigorous practice routines that the girls are involved in. It's not just about the dances though. Fitness and strength and conditioning classes are also a vital part of their week.

As Cowal comes ever near the practice intensifies, and there is even a dance boot camp! But it's not all hard work - lifelong friendships are also a big part of the world of the dance families.

Highland Dancing - The Road to Cowal flips the 'tartan stereotype' on its head, revealing modern Highland dance as more than just an art form - it's a place of true athletes, in training round the clock to reach the top.

59 minutes