Main content

An Litir Bheag 767

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir 脿ireamh 767. Roddy Maclean is back with this week's short letter for G脿idhlig learners.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 26 Jan 2020 16:00

Clip

An Litir Bheag 767

Tha an seann taigh-seinnse ann an Duras, taobh Loch Nis, gu math eachdraidheil. Aig aon 脿m, bha daoine a鈥� siubhal tron bhaile air an rathad airm eadar Cille Chuimein agus Inbhir Nis.

An d猫idh Bl脿r Ch霉il Lodair, bha c霉isean doirbh don fheadhainn a bha a鈥� ruith an taigh-seinnse. Cha robh m貌ran de mhuinntir an 脿ite a鈥� dol ann. Bha eagal orra ro na saighdearan dearga a bha gu tric ann.聽

Tha an sgeulaiche, Sti霉bhart McHardy, ag innse st貌iridh mu dheidhinn anns an leabhar aige Tales of Loch Ness. Bha an taigh-seinnse air a ruith le dithis bhoireannach 鈥� Hannah Fhriseal agus a nighean S矛ne. Bha Hannah ciorramach. Bha S矛ne 貌g agus b貌idheach.聽

Latha a bha seo, bha buidheann de dh鈥檕ifigearan a鈥� siubhal eadar Inbhir Nis agus Cille Chuimein. Stad iad aig an taigh-seinnse. Bha iad air mhisg. Ghabh fear dhiubh n貌isean do Sh矛ne. Bha e a鈥� cur a l脿mhan oirre mar nach bu ch貌ir.

Chuir e a gh脿irdeanan timcheall oirre agus thog e i. Bha e a鈥� d猫anamh air an doras mh貌r leatha, le droch r霉n. Chunnaic Hannah na bha a鈥� dol. Reub i a h-矛nean s矛os aodann an t-saighdeir. Leig an saighdear S矛ne 脿s. Ruith ise a-mach air an doras. Chuir an saighdear a l脿mhan timcheall sg貌rnan Hannah. Bha e ga tachdadh.

Rinn S矛ne air a鈥� mhonadh. Chaidh i am falach. Ach mharbh an saighdear dearg a m脿thair. An uair sin, rinn e fh猫in agus a chompanaich sgrios air an taigh-seinnse. Dh鈥檉halbh iad air muin-eich a Chille Chuimein.聽

Nuair a thill S矛ne don taigh-seinnse, lorg i corp a m脿thar. Bha fearg air muinntir an 脿ite. Bha feadhainn dhiubh airson a dhol an d猫idh nan saighdearan. Ach thuirt fear dhiubh, Iain B脿n, gum bu ch貌ir dhaibh gabhail air an socair.聽

Chaidh e fh猫in, companach agus S矛ne air muin-eich a Chille Chuimein. Bha aodach dubh orra. Bha each eile aca, le corp Hannah air.聽

Nuair a chuir freiceadain stad orra, thuirt Iain B脿n gum b鈥� esan an t-uachdaran, Alasdair Friseal 脿 Druim Aithisidh. Bha Alasdair taiceil don riaghaltas. Bha e na cho-ogha do dh鈥橧ain. Bha Iain cinnteach nach biodh na freiceadain e貌lach air. Agus d猫 am plana a bh' aige? Ch矛 sinn an-ath-sheachdain.聽

The Little Letter 767

The old inn at Dores, beside Loch Ness, is very historical. At one time, people were travelling through the village on the military road between Fort Augustus and Inverness.

After the Battle of Culloden, matters were difficult for those who were running the inn. Not many locals were frequenting it. They were scared of the redcoat soldiers who were often there.

The storyteller, Stuart McHardy, tells a story about it in his book Tales of Loch Ness. The inn was run by two women 鈥� Hannah Fraser and her daughter, Jean. Hannah was disabled. Jean was young and beautiful.

One day, a group of officers were travelling between Inverness and Fort Augustus. They stopped at the inn. They were drunk. One of them took a shine to Jean. He was handling her as he should not.

He put his arms around her and picked her up. He was making for the front door with her, with evil intent. Hannah saw what was happening. She scratched the face of the soldier with her nails. The soldier let go of Jean. She ran out the door. The soldier put his hands around Hannah鈥檚 throat. He was throttling her.

Jean took to the hills. She hid [there]. But the redcoat killed her mother. Then, he and his companions wrecked the inn. They left on horseback for Fort Augustus.

When Jean returned to the inn, she found her mother鈥檚 corpse. The locals were incensed. Some of them were wanting to go after the soldiers. But one of them, Fair John, said they should take it easy.

He, a companion and Jean went on horseback to Fort Augustus. They wore black. They had another horse with Hannah鈥檚 body on it.

When sentries stopped them, Fair John said he was the landlord, Alexander Fraser of Drumashie. Alexander supported the government. He was a cousin of John鈥檚. John was certain the sentries wouldn鈥檛 know him. And what was John鈥檚 plan? We鈥檒l see next week.

Broadcast

  • Sun 26 Jan 2020 16:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast