Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Calum MacNèill (nach maireann)

Seirbheis còmhla ris a' Chanan Calum MacNèill (nach maireann) bho 1997. Gaelic religious service conducted by the late Canon Calum MacNeil from 1997.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:

Laoidh Chaluim Chille air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh.

Laoidh an Iasgair air a sheinn le Còisir Eaglaisean Ghearraidh na Mònadh agus Dhalabroig.

A Mhoire Mhìn-gheal air a sheinn le Màiri C NicNèill.

Leughaidhean:
Mata 25: 31-46
Lùcas 23: 35-47

Fhuair an Canan Calum MacNèill foghlam aig Acadamaidh Naomh Mungo agus cho-dhùin e an uairsin gu robh e airson a bhith na shagart. Aig an àm sin bha an t-uabhas shagairtean ann an Sgìr'-easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean agus chuir e roimhe gun deigheadh e gu òrdan nan Salesianach mar mhiseanaraidh ann an 1938. Bha òrdan nan Salesianach gu mòr a' coimhead às dèidh clann òg a bha fuireach air na sràidean.

Chuir Mgr Calum seachad seachd bliadhna ann an Colaiste Miseanaraidh nan Salesianach ann an Shrigley far an robh e fhèin ag ionnsachadh agus e cuideachd a' teagasg nan oileanach. Chaidh a chur gu Turin ann an 1945 airson an teisteanas ann an Diadhachd a chrìochnachadh agus chaidh a dhèanamh na shagart anns an Iuchair 1949.

Thill e a Shasainn far an robh e a' teagasg a-rithist ann an Shrigley agus ann an Farnborough agus ann an 1957 chuir e iarrtas gu Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean agus e airson a bhith na shagart anns a' sgìr'-easbaig sin.

'S ann gu Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog a chaidh a chur an toiseach còmhla ri Mgr Niall MacCeallaig agus bha muinntir na paraiste glè dhèidheil air. Cho fad 's a bha e ann an Dalabrog thug e dannsa Gàidhealach beò a-rithist am measg an t-sluaigh agus bha sinn gu math follaiseach aig dannsaichean ann an Uibhist agus daoine cho aotram air an casan. Chaidh e a Bharraigh airson ùine ghoirid mus deach a chur na shagart-paraiste a dh'Eirisgeidh. Bha ùidh shònraichte aige anns an eilean sin, agus tha sin gu math follaiseach anns an leabhar a thug e mach de dheilbh a rinn e fhèin de mhuinntir an àite, Aodannan Eirisgeidh. 'S e neach-ealain sgileil a bh' ann agus rinn e cuideachd deilbh air sglèat a bha a' riochdachadh Slighe na Croise agus bha iad sin crochte airson bliadhnaichean air Creag an Fhaing anns an Acarsaid. Bha ùidh mhòr aige anns an òigridh (bhitheadh sin air leantainn ris bho bha e ann an òrdan nan Salesianach) agus cuideachd ann an eich Eirisgeidh. B' esan a chur air chois Comann Eich Eirisgeidh.

Chuir e seachad ùine cuideachd anns a' Bhagh a Tuath, am Beinn a' Bhadhla, an Gleann Fhionghain, an Ceann Loch Chille Chiarain agus mu dheireadh ann an Onich. Air sgàth a shlàinte leig e dheth a dhreuchd mar shagart paraiste ach bhiodh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm a' leigeil leis na sagairt eile làithean-saora a ghabhail.

Bha e na neach-ealain, na sgrìobhaiche agus na neach aig an robh ùidh mhòr ann an eachdraidh. A thuilleadh air a sin bha e na neach-ciùil a bha a' cluich agus a' teagasg na clàrsaich. Chithear an obair-ealain aige san uinneig mhòir ann an Eaglais Ghleann Fhionghain, uinneag a dhealbh e fhèin. Bhàsaich Mgr Calum air an là mu dheireadh den bhliadhna 2003.

1 minute

Last on

Sun 14 Feb 2021 21:00

Broadcast

  • Sun 14 Feb 2021 21:00