Main content
Sorry, this episode is not currently available

Air ais gu Nadar (Back to Nature)

Episode 2 of 13

An tarraing làidir a th’ aig nàdar do mhac an duine. A documentary examining the appeal of the great outdoors.

An uair a thàinig an dùthaich gu stad anns a’ Mhàrt an-uiridh, cha robh e ceadaichte do dhaoine a bhith dèanamh tòrr gluasaid, agus le goireasan spòrs a’ dùnadh, dhùisg sin ùidh dhaoine ann a bhith a’ cur seachad barrachd ùine a-muigh a-measg nàdar. Bho na h-Eileanan an Iar gu na Crìochan, tha na h-Albannaich air a dhol air ais gu sàbhailteachd nàdair, ’s iad air dòighean ùr a lorg a bhith ag eacarsaich gus cumail fallain agus airson dìochuimhneachadh mu bhuaidh a’ ghalair air ar saoghal.

Tha an dealbhadair, filmeadair agus snàmhadair Gàidhealach, Calum MacIlleathain, a tha dèidheil a bhith air a’ bhlàr a-muigh, gar toirt air turas is e a’ coinneachadh ri snàmhadairean, saor-dhaibhearan agus luchd-rothair, a’ faighneachd carson a tha nàdar air togail a thoirt do mhòran ann an ùine de mhì-chinnt. Tha e cuideachd ag ionnsachadh mu mar a tha an galar air buaidh a thoirt air gnìomhachas ann an Steòrnabhagh a tha a’ tabhann chur-seachadan a-muigh, tha e a’ coinneachadh ri Josie Burgess, tidsear ann an Glaschu a tha a’ faighinn tòrr toileachais bho bhith coiseachd nam beann, agus tha e a’ dol a ruith ann an cuideachd an t-seinneadair Gàidhlig Julie Fowlis, gus faighinn a-mach mar a tha nàdar air spionnadh agus togail a thoirt dhi-se ann am bliadhna às aonais chuirmean.

Prògram aithriseach a tha ag innse mun tarraing làidir a th’ aig nàdar do mhac an duine, air innse gu pongail tro shùilean an fhir dhàna, Chaluim MhicIlleathain.

When the country was brought to a shuddering halt in March 2020, it came with a stark restriction of movement. As gyms and sports facilities had the shutters hauled down, it sparked a significant shift to the great outdoors. From the Hebrides to the Borders, Scots returned to the safety of nature, seeking new adventures and ways to exercise in a bid to maintain a healthy lifestyle whilst trying to escape the dark shadow cast by the pandemic.

Highland photographer, filmmaker, wild swimmer and outdoor adventurer Calum Maclean takes us on an exciting journey as he meets with wild swimmers, free divers and cyclists, asking why nature has given people so much pleasure during a time of uncertainty.

He also learns about how the pandemic has impacted a Stornoway business offering outdoor pursuits, he meets with busy Glasgow-based teacher Josie Burgess, who has found joy climbing hills in her spare time, and goes running with award-winning Gaelic vocalist, Julie Fowlis, to find out how spending time outdoors has been a great source of inspiration to her during a year with no concerts.

A visual documentary examining the pull of the outdoors which has never been more powerful, told expertly through the eyes of Highland adventurer Calum Maclean.

In Gaelic with English subtitles.

59 minutes

Credits

Role Contributor
Presenter Calum Maclean
Executive Producer Seumas Mactaggart

Broadcasts