Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Dr Urr Aonghas Moireasdan

Seirbheis còmhla ris an Dr Urr Aonghas Moireasdan, Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Gaelic service conducted by the Rev Dr Angus Morrison, Parish of Orwell and Portmoak.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean, na sailm agus an leughadh a leanas:
An Crìosd’ a-mhàin air a sheinn le Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein
Bha Kenna Chaimbeul a’ seinn Salm 23
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus os cionn na seinn bha an t-Urr Seumas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.

Leughadh: Eòin 11: 17-44

Rugadh agus thogadh an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid as motha de làithean òige anns an Òban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mhàthair agus tha deagh chuimhne aige fhèin iomadach samhradh a chuir seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air dòigh-beatha anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh Mgr Moireasdan gu Àrd-sgoil an Òbain agus às a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Tha Mgr Moireasdan air a bhith ann an ceithir paraistean bhon a ghabh e dreuchd ministear ann an 1979 : an t-Òban, Dùn Èideann, Steòrnabhagh agus an-dràsta fhèin ann an Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Bha e cuideachd na Mhodaràtair aig Eaglais na h-Alba.

Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Marion agus teaghlach de cheathrar aca, triùir ghillean agus aon nighean agus tha triùir oghaichean aca. Bha ùidh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean agus 's iomadh turas a bhiodh a mhàthair a' trod ris na òige gun robh e air an t-airgead a thug i dha airson lèintean a cheannach a chosg air leabhar eile. 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag èisteachd ri ceòl clasaigeach

30 minutes

Last on

Sun 8 Aug 2021 15:00

An Dr Urr Aonghas Moireasdan

An Dr Urr Aonghas Moireasdan

An Dr Urr Aonghas Moireasdan agus ogha dha

An Dr Urr Aonghas Moireasdan agus ogha dha

Broadcasts

  • Sun 18 Apr 2021 09:00
  • Sun 18 Apr 2021 15:00
  • Sun 8 Aug 2021 09:00
  • Sun 8 Aug 2021 15:00