Main content

An Litir Bheag 863

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir 脿ireamh 863. Roddy Maclean is back with this week's short letter for G脿idhlig learners.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 28 Nov 2021 14:30

Clip

An Litir Bheag 863

Anns na Litrichean mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar Lighiche. Thug M脿iri Beith nach maireann s霉il air an eachdraidh aige. Bha M脿iri mion-e貌lach air gn脿thasan-leighis nan G脿idheal. Sgr矛obh i an leabhar sgoinneil 鈥�Healing Threads鈥�.

Tha cairt-r矛oghail aig R矛gh Raibeart II, a chaidh fhoillseachadh ann an tr矛 cheud deug, seachdad 始s a naoi (1379). Tha i a鈥� toirt seachad fearann ann an Taobh Mhealanais agus H貌b ann an D霉thaich MhicAoidh. Agus c貌 dha? Dha 鈥�Ffercado medico nostro鈥�.听

Seachd bliadhna an d猫idh sin, tha cairt eile a鈥� toirt seachad grunn eileanan eadar Rubha an St貌ir ann an Asainte agus Armadal air a鈥� chosta mu thuath. Agus c貌 fhuair am fearann? Fhuair 鈥�our esteemed and faithful leech Fearchar鈥�. Tha leech a鈥� ciallachadh 鈥榣ighiche鈥�.

Tha e soilleir gu bheil am Fearchar ann am beul-aithris st猫idhichte air fear a bha be貌 anns a鈥� cheathramh linn deug. Bha e ann an seirbheis an R矛gh fad 霉ine oir fhuair e am fearann 鈥�for his service done and to be done to us鈥�. Bha an R矛gh le cas ghoirt anns an sgeulachd a鈥� riochdachadh R矛gh Raibeart II.

Tha M脿iri ag innse dhuinn mu litir a chaidh a chur gu Register House ann an D霉n 脠ideann le b脿illidh oighreachd anns an naoidheamh linn deug. Tha i ag aithris mun fhearann a thug R矛gh Raibeart gu 鈥�Farquhar his Physician鈥�. Ann an c貌ig ceud deug 始s a h-aon-deug (1511) fhuair Clann 始ic Aoidh na seann oighreachdan bho fhear, D貌mhnall Mac Dhonnchaidh. Bhathar ag aithris gun robh D貌mhnall am measg sliochd Fhearchair Lighiche.

Tha an Seann Chunntas Staitistigeach ag innse dhuinn mar a fhuair Fearchar fearann air t矛r-m貌r. Bha e na lighiche aig na h-uachdarain, Clann 始ic Aoidh F脿rr. Rinn iadsan suaip leis. Thug iad fearann dha air t矛r-m貌r. Ghabh iad fh猫in smachd air na h-eileanan.聽

A bheil cuimhne agaibh gun robh mi a鈥� d猫anamh coimeas eadar Fearchair 始s an nathair gheal agus Clann 始ic Bheatha 鈥� na Peutanaich 鈥� lighichean ainmeil ann an 脤le? Uill, tha an Seann Chunntas Staitistigeach ag innse dhuinn gum b鈥� e an cinneadh aig Fearchar 鈥� Peutan 鈥� agus gum buineadh e a dh鈥櫭宭e!

The Little Letter

In the last few Litrichean, I was telling you about Fearchar Lighiche. The late Mary Beith looked at his history/story. Mary was an expert on the healing customs of the Gaels. She wrote the excellent book 鈥楬ealing Threads鈥�.

King Robert II [published] a royal charter in 1379. It grants land in Melness and Hope in the Mackay Country [North Sutherland]. And to whom? To 鈥楩fercado medico nostro鈥�.

Seven years later, another charter grants several islands between Stoer Point in Assynt and Armadale on the North Coast. And who received the land? 鈥極ur esteemed and faithful leech Fearchar鈥�. Leech means 鈥榟ealer, physician鈥�.

It鈥檚 clear that the Fearchar in oral tradition is based on a man who lived in the fourteenth century. He was in the service of the King for a period because he received the land 鈥榝or his service done and to be done to us鈥�. The King with the sore leg in the story represents King Robert II.

Mary tells us about a letter that was sent to Register House in Edinburgh by an estate factor in the nineteenth century. It reports on the land that King Robert gave to 鈥楩arquhar his Physician鈥�. In 1511, the Mackays got the old estates from a certain Donald Mac Dhonnchaidh. It was reported that Donald was among Fearchar Lighiche鈥檚 descendants.

The Old Statistical Account tells us how Fearchar got land on the mainland. He was a physician to the landlords, the Mackays of Farr. They did a swap with him. They gave him land on the mainland. They themselves took control of the islands.

Do you remember that I was comparing Fearchar and the white snake with the Beatons 鈥� famous physicians/healers in Islay? Well, the Old Statistical Account tells us that Fearchar鈥檚 surname was Beaton 鈥� and that he belonged to Islay!

Broadcast

  • Sun 28 Nov 2021 14:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast