Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 1

·¡Ã²°ù±è²¹ looks at how Ukrainian refugees are faring in both Scotland and Moldova.

Anns a’ chiad phrògram de sreath ùr, tha ·¡Ã²°ù±è²¹ a’ coimhead air suidheachadh fògarraich Ucràinianach ann an Alba agus ann am Moldova. Bhon thòisich an cogadh san Ucràin sa Ghearran tha na milleanan de shluagh na dùthcha air an dachannan fhàgail agus mòran dhiubh a’ sireadh comraich ann an dùthchannan cèin. Gun choltas gun tig an t-sabaid gu crìoch a dh’aithghearr tha Annabel NicIllFhinnein a’ bruidhinn ri Ucràinianaich a tha air comraich fhaighinn ann an Alba mu na dh’fhiosraich iad agus na tha fa-near dhaibh, agus ri na teaghlaichean a thug cobhair dhaibh. Bidh ·¡Ã²°ù±è²¹ cuideachd ann am Moldova, aon de na dùthchannan as bochda san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹, a chunnaic an àireamh as motha de dh’fhògarraich a-rèir àireamh an t-sluaigh a’ tighinn tarsainn na crìochean aice. Bidh sùil ga thoirt air na dùbhlain a tha mu choinneamh na dùthcha ann a bhith a’ dèilgeadh ris an t-suidheachadh agus mar a buidhnean carantais is eile ag obair gus àmhghair nam fògarrach a leasachadh.

·¡Ã²°ù±è²¹ looks at how Ukrainian refugees are faring in both Scotland and Moldova. Since the start of the war in Ukraine in February, millions of Ukrainians have fled to safety in neighbouring countries. With no sign of an imminent end to the fighting, Annabel Maclennan talks to Ukrainian families who have settled in Scotland about their experiences and what the future holds for them.

Moldova shares a border with Ukraine and received more refugees per head of population than any other country, despite being one of the poorest countries in Europe. ·¡Ã²°ù±è²¹ looks at the challenges the country faces in dealing with the influx, and how Scottish charities, local organisations and groups are working to ease the plight of those fleeing the fighting.

In Gaelic with English subtitles

59 minutes

Last on

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from ·¡Ã²°ù±è²¹

Fògarraich na h-Ucràin

Fògarraich na h-Ucràin
Air an 24mh den Ghearran, thòisich cogadh san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹ nuair a thug an Ruis ionnsaigh air an Ucràin. A dh'aindeoin 's fathannan, dhan mhòr-chuid thàinig e mar chlach às an adhar.

Tha e air sgrios agus milleadh adhbhrachadh agus tha bailtean Ucràinianach air a bhith air an leagail gu làr. Dh'atharraich e beatha dhaoine ann am prioba na sùla. Tha mì-chinnt mu na tha san amharc a' leantainn. Bhon uair sin, tha na milleanan air an dachaighean fhàgail, iad a-nis nam fògarraich 's iad a' sìreadh sàbhailteachd ann an dùthchannan air feadh an t-saoghail.

Ann an aithris shònraichte ann an sreath ùr de dh'·¡Ã²°ù±è²¹, coinnichidh Annabel Nic'illinnein ri cuid den fheadhainn a th' air fasgadh fhaighinn ann an Moldòbha agus ann an Alba.

Anns na ciad làithean den chogadh bha eadar còig agus seachd mìle fògarrach a' tighinn tarsainn na crìche ann an ceann a deas Moldòbha gach latha. Tha na h-àireamhan nas ìsle an-dràsta, ach tha iad fhathast a' tighinn. 'S i aon de na dùthchannan as bochda san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹ ach a dh'aindeoin sin, ghluais an Riaghaltas agus sluagh na dùthcha mu choinneamh na h-èiginn, gus na nàbaidhean aca a chuideachadh.

Tha còrr air 19,000 fògarrach air a thighinn a dh'Alba bho thòisich an cogadh, fo sgeamaichean Riaghaltasan na h-Alba agus Westminster. Tha iad sgapte air feadh na dùthcha. Choinnich ·¡Ã²°ù±è²¹ riutha ann am Baile Dhubhthaich, Càrdanros, Glaschu agus Dùn Èideann, a dh'fhaighinn a-mach ciamar a tha a' dol dhaibhsan agus na sponsairean a tha air an gabhail a-steach.

Ge b' e air bith càite an deach iad san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹, tha an aon cho-dhùnadh aig na fògarraich ri dhèanamh - am fuirich iad far a bheil iad no an till iad dhachaigh?

Ukrainian refugees

Ukrainian refugees
On the 24th of February, war started in Europe when Russia invaded Ukraine. There had been rumours but for most, it was a bolt from the blue.

It has resulted in devastation and destruction, with a number of Ukrainian cities left destroyed. It changed peoples' lives in the blink of an eye. With the conflict ongoing, uncertainty remains. Since then, millions of Ukrainians have fled their homes and become refugees seeking shelter and safety in countries across the globe.

In this special report in a new series, Annabel Maclennan meets some of those who are now living in Moldova and Scotland. In the first days of the war, between five and seven thousand crossed the border into the south of Moldova every day. The numbers are fewer at the moment, but they still come. Moldova is one of the poorest countries in Europe but despite this, the Goverment and the Moldovan people have responded to this crisis in order to help their neighbours in any way they can.

Around 19,000 refugees have come to Scotland since the beginning of the war through government schemes. They are now settled all over the country. ·¡Ã²°ù±è²¹ meets Ukrainians in Tain, Cardross, Edinburgh and Glasgow and finds out how they and their sponsors are getting on.

Regardless of where they are in Europe, all refugees face the same decision. Do they stay where they are or do they go back home?

Broadcasts

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Naidheachdan

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon a' BhBC