Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 10

Episode 10 of 19

·¡Ã²°ù±è²¹ returns to bring you the most relevant and interesting stories from across Scotland and Europe.

Chaidh laghan air casg-breith a theannachadh sa Phòlainn ann an 2020, a’ fàgail gur iad am measg na laghan as teanna san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹. Chan fhaighear casg-breith a-nis ach a-mhàin ann an suidheachaidhean èigneachaidh, feise le ball-teaghlaich, neo ma tha beatha màthair ann an cunnart. Tha Annabel Nic ‘Illinnein ag aithris air mar a tha mòran bhoireannaich a’ faireachdain gu bheil am beathannan ann an cunnart ri linn na riaghailtean ùra. Tha i a’ bruidhinn cuideachd ri feadhainn a tha a’ cur taic ris an teannachadh, a’ radh gu bheil feum air beatha mhic an duine a dhìon aig gach ìre.

Na bu thràighe air a’ bhliadhna dh’iarr am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, leisgeul a ghabhail son na chaidh a chiùrradh agus a chuir gu bàs ri linn Achd na Buidseachd 1563 - a’ mhòr chuid dhiubh boireannaich. Chaidh tagradh a dhèanamh airson Bile a chuir mu choinneamh Pàrlamaid na h-Alba gus a dhol ceum nas fhaide agus maitheanas a thoirt dhaibh-san a chaidh a dhìteadh tro eachdraidh. Tha Eileen NicDhòmhnaill a’ faighneachd dha luchd-iomairt carson bu chòir barrachd aire a thoirt dhan earrann dhorcha seo ann an eachdraidh na h-Alba.

Abortion laws in Poland were tightened in 2020 and they are now amongst the most restrictive in Europe. Abortion can only now be legally carried out in cases of rape, incest, or when the mother’s life is in danger. Annabel Maclennan reports on how many women now feel that their lives are in danger as a result of the recent changes, and also speaks to those who support the new laws.

Earlier this year the first minister, Nicola Sturgeon, issued a formal apology to those who were tortured and excecuted under the Witchcraft Act 1563 – the majority of them women. A Bill has been proposed for the Scottish Parliament aimed at pardoning those who were historically convicted. Eileen Macdonald asks campaigners why more public recognition should be given to this dark period in the country’s history.

29 minutes

Laghan casg-breith sa Phòlainn

Laghan casg-breith sa Phòlainn
Ann an 2020 chaidh laghan casg-breith na Pòlainn, a tha am measg an fheadhainn as teinne san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹, a theannachadh. Chan eil casg-breith a-nis ceadaichte ach ma tha beatha a' bhoireannaich ann an cunnart, no ma tha i trom ri linn èigneachadh no feise le ball dha teaghlach. B' àbhaist gun robh e laghail ma bha rudeigin ceàrr air a' ghinean ach chan eil a-nis. Bhon a chaidh an teannachadh a chur an sàs, tha lùghdachadh mòr air a thighinn air na h-àireamhan de chasg-breith oifigeil a th' air an toirt seachad san dùthaich agus tha faireachdainn ann gu bheil an t-atharrachadh a thàinig air an lagh air boireannaich a tha trom anns a' Phòlainn fhàgail ann an cunnart. Bheir ·¡Ã²°ù±è²¹ sùil air a' bhuaidh a tha seo air a thoirt air boireannaich, buidhnean a tha gan cuideachadh agus iadsan a tha a' cur taic ris an atharrachaidh.

Abortion laws in Poland

Abortion laws in Poland
Poland's abortion laws, among the most restrictive in Europe, were tightened in 2020. Abortion is now only legal if the pregnancy is a result of rape or incest, or where the mother's life is at risk. Foetal abnormalities were removed from the criteria. Since this was implemented, the number of official abortions in Poland has reduced significantly and there is a feeling that it has endangered the lives of pregnant women. ·¡Ã²°ù±è²¹ will look at the impact these restrictions are having on women in Poland, the groups which are working to help women access safe abortions, why others support the restrictions and what this reveals about the social and political climate in the country.

Buidseachd

Buidseachd
"Ana-cheartas cho mòr 's a bha riamh ann", sin a thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba mun àireamh dhaoine a chaidh a chur gu bàs anns an dùthaich o chionn còrr is ceithir cheud bliadhna agus e air a chur às an leth gun robh iad ri buidseachd. Tha buidheann-iomairt, Witches of Scotland, a' sireadh maitheanais fon lagh agus airson carragh-chuimhne nàiseanta a thogail dhan 4000 mìle duine a dh'fhuiling. Le bile a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba airson an leithid fhaighinn, dè am feum a dhèanadh e? B' e boireannaich a bh' anns a' chuid as motha dhan fheadhainn a bha fo chasaid. Tha luchd-strì airson còirichean bhoireannach den bheachd gu feum dèiligeadh ris na thachair ach an tèid ionnsachadh bhuaithe.

Witchcraft

Witchcraft
On International Women's Day 2022, the First Minister Nicola Sturgeon issued a formal apology to the 4000 people – primarily women – who were tortured and executed under the Witchcraft Act 1563. A Bill has been proposed - Witchcraft Convictions (Pardons) (Scotland) Bill. Campaigners such as the Witches of Scotland are seeking a pardon and a national monument to remember those accused, tortured and executed. This Bill has historical significance for those who feel connected to those who were targeted - predominantly women - and see this is as an unrecognised injustice. It is also relevant for many feminist campaigners who see that "witch hunts" are not completely in the past and feel that the decision to selectively forget this section of history aids misogyny in the current day.

Broadcasts

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Naidheachdan

Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon a' BhBC