
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Tha leithid Dolly Parton agus Barbara Streisland air a bhith dèanamh luaidh air an seinneadair ainmeil ceòl dùthcha, Kris Kristofferson, a bhà saich oidhche Shathuirne a chaidh na dhachaigh fhèin ann an Hawaii, aois ceithir fichead sa h-ochd. Chuala Cathy bho dhithis eile a bha gu math measail air, Marie NicMhathain agus Danaidh MacAoidh.
Thathas a comharrachadh leth cheud bliadhna de Ceefax, a’ chiad seirbheis teletext a chaidh a chur air bhog leis a’ BhBC. Tha deagh chuimhne aig Iain X Mac Ìomhair agus Coinneach Moireasdan air.
Fhuair cèiliche na seachdain-sa cothrom nach fhaigh mòran againn - obair san Taigh Ghil . Dh'innse Rebecca Chamshroin mar a fhuair i an obair a mhair deich seachdainean.
Tha an fhiolm The Thursday Murder Club, stèidhte air an leabhar leis an aon ainm a sgrìobh Richard Osman, a' nochdadh air Netflix an ath bhliadhna. Dè na leabhraichean a bu mhiann leibh p' fhèin faicinn ann an riochd fiolm? Fhuair sinn beachd bho thriùir a tha gu math dèidheil air an cuid leabhraichean.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 6 Oct 2024 12:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal