![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hy3830.jpg)
le Cathy NicDhòmhnaill
Ciamar a tha fèilltean reic chaorach is chruidh sna h-eileanan air a bhith am-bliadhna? Cathy MacDonald hears how stable livestock sales in the Western Isles have been this year.
Tha na fèilltean reic aig na margaidhean sprèidh ann an Steòrnabhagh is Loch Baoghasdal seachad airson 2024 - le na mìltean mòra de chaoraich air an reic. Ach le beagan de dh' iomagain na bu thrà ithe am-bliadhna mu staid a ghnìomhachais anns na h-eileanan, nuair a dhùin margaidh sprèidh Loch nam Madadh, ciamar a tha luchd-stiùiridh nam margaidh ann an Leòdhas is Uibhist a' Deas a' faireachdainn? Tha cathraiche Margaidh Sprèidh Leòdhais is na Hearadh Coinneach MacLeòid, agus cathraiche Margaidh Sprèidh Loch Baoghasdail Raghnall MacFhionghuin còmhla ri Cathy.
Air taobh thall na Roinn Eòrpa, tha na Ruiseanaich agus na Ucrà inianaich fhathast glaiste ann an cogadh brùideil. Ach tha e coltach gu bheil Montenegro, dùthaich bheag air cladaichean an Adriatic, a' tà ladh dhaoine bhon dà dhùthaich sin mar à ite fasgach airson na tha a' teicheadh bhon chomhstri. Tha Derek MacAoidh eòlach air a' cheà rnaidh sa bho chuid obrach ag aithris dhan phrògram Eòrpa, agus tha e ag innse dhuinn beagan mun dùthaich.
Tha am pìobaire Aaron Ingram a' bruidhinn ri Cathy mun oidhirp aige fhèin seann phìob mhòr a lorg, agus carson a tha e airson sin fhaighinn.
Mìnichidh Gòrdan Camshroin, Calina NicLeòid, agus Sìneag NicFhionghuin beagan mu bhith ceannachd, a' reic, is a' cleachdadh fhlùraichean - is rannsaichean ag rà dh g' eil barrachd is barrachd dhaoine a-nise gan ceannachd.
Agus beachd air na tha romhainn an ath sheachdain air Radio nan Gà idheal aig Mòd Nà iseanta Rìoghail 2024 anns an Òban.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 10 Oct 2024 09:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal
- Thu 10 Oct 2024 22:25Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal