![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hy3830.jpg)
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Cha bheag an dùbhlan agus a' chonnspaid a tha an cois prìsean dealain is cumhachd sa rìoghachd is an geamhradh a' teannadh dlùth. Ach carson a tha na prìsean sa Rìoghachd Aonaichte cho à rd an taca ri dùthchannan eile dhen aon mheud is leis an aon seòrsa aimsir? Bha an t-eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Mà rtainn a' rannsachadh dhan a' phrògram.
Bha Catrìona Mhoireach, Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, agus Nan NicDhòmhnaill cuide ri Cathy le beachd air Rathad nam Bà thach - Byres Road - is mar a tha an t-srà id ainmeil seo air taobh siar Ghlaschu air atharrachadh thar nam bliadhnaichean.
Mhìnich Gòrdan Camshron, Calina NicLeòid, agus Sìneag NicFhionghain beagan mu bhith a' ceannach, a' reic, is a' cleachdadh fhlùraichean, is rannsaichean ag rà dh g' eil barrachd is barrachd dhaoine a-nise gan ceannach.
Agus b'e Tormod Mac a' Ghobhainn cèiliche na seachdain, bliadhna thar fhichead às dèidh dha bonn òr an t-seann nòis a chosnadh aig Mòd an Òbain ann an 2003. Eadar sgeulachdan a' Mhòid agus sgeulachdan an t-seòlaidh, 's iomadh cuspair air an do rinn e fhèin is Cathy cagnadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 13 Oct 2024 12:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal