Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.

Tha an riaghaltas air a’ thighinn chun a cho-dhùnadh gun airgead-dìolaidh a thabhainn do bhoireannaich a’ rugadh sna 50n 's a chaill a-mach air peinnsean fhaighinn, aig an àm a bhathar an dùil, air sgàths gun deach aoise a’ pheinnsein atharrachadh. Fhuair sinn beachd Fay NicDiarmaid, a tha na ball de’n bhuidhean iomairt WASPI, air an co-dhùnadh

Nuair a bha an craoladair Sally Magnusson a’ coimhead as deidh a màthair, a bha a’ fulang le dementia, bha i a’ faireachdainn gu robh ceòl a dèanamh feum mhòr. 'S ann ri linn sin, a stèidhich i an carthannas, Playlist for Life. Dè na h-òrain a bheireadh cuimhneachain thoilichte air ais thugaibh b' fhèin? Bha trìuir aoighean air an taghadh fhèin a dhèanamh, 's iad ag innse carson.

Gach Nollaig, tha seirbheis ga chumail, ri solas choinnlean, ann an tè de na teampaill Cheilteach as seanna ‘s an dùthaich, Tha Teampall Mholuaidh, ann a fìor cheann a tuath Leòdhais – ann am baile Eoropaidh ann a Nis. Fhuair sinn blas air seirbheis Là na Sabaid 'sa chaidh agus beagan de dh' eachdraidh an t-àite.

Chaidh cèiliche na seachdainsa ainmeachadh mar Makar na h-Alba bho chionn cola-deug airais. 'S e Pàdraig MacAoidh, a bhuineas do bhaile Shiadar ann a Leòdhas, a' chiad bhàrd le Gàidhlig a fhuair an t-urram.

57 minutes

Last on

Sun 22 Dec 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 22 Dec 2024 12:00