Còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, an Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service with Rev Kenneth MacDonald, retired Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 100: 1-2 air fonn Coleshill agus ‘s e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Oib.
Salm 40: 1-2 air fonn Montrose agus ‘s e Dòmhnal Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach.
Salm 118: 17-18 air fonn Dundee agus ‘s e Dòmhnall MacThòmais a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Leughadh: Eòin 19: 17-37
Ceann-teagaisg: Eòin 19: 26
Rugadh agus thogadh Mgr Dòmhnallach ann an sgìre Phabail Uaraich anns an Rubha ann an Leòdhas. Às dèidh an sgoil fhà gail anns an Rubha agus Sgoil Mhicneacail a fhrithealadh chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd airson ceithir bliadhna ann an Steòrnabhagh.
Às dèidh pòsadh, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Inbhir Nis airson greiseag agus an uair sin thill iad a Steòrnabhagh far an robh iad a' ruith bùth ùine ghoirid. Tha dithis bhalach aca agus dusan ogha, agus tha fear de na balaich na mhinistear ann an sgìre Nis ann an Leòdhas.
Thà inig atharrachadh ann am beatha Mhaighstir Dhòmhnallaich ann an 1987 agus chaidh e a dh'obair chun na buidhne Tear Fund ann am Bangladesh airson dà bhliadhna. Às a sin ghluais e gu miseanaraidh ann an Afraga a Deas far an robh e cuideachadh le bhith a' leasachadh 's a' cà radh eaglaisean, a' togail eaglaisean ùra agus a' searmonachadh bho à m gu à m cuideachd.
Ann an 1993, thill Maighstir Dòmhnallach a dh'Alba agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Dùn Èideann. Fhuair e fios bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Snìosoirt san Eilean Sgitheanach ann an 1997 agus bha e a' frithealadh a' choitheanail sin gu 2008. Anns an Dùbhlachd 2008 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Sgalpaigh agus bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd coitheanail ann an 2016. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is caomh leis a bhith ag iasgach, a' leughadh, a' dèanamh beagan DIY agus a' cur seachad ùine còmhla ri theaghlach.
On radio
More episodes
Broadcasts
- Tomorrow 09:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal
- Tomorrow 15:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal