le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Nochd bhidio air-loidhne sna là ithean a chaidh seachad, de nighean òg a’ seinn òran Uibhisteach. 'S ann tro AI a chaidh a' bhidio a' chruthachadh ach cha do thuig mòran dhaoine gur h-ann. Dè bhuaidh a bhios aig AI air saoghal a' chiùil?
'S e Aonghas MacDhòmhnaill à Beà rnaraigh Leòdhais, cèiliche na seachdain. Tha e air leabhar ùr a sgrìobhadh mu ghnìomhachas seilg An Talamh Fhuair 's na Leòdhasaich a bha an sàs ann - a shinn, shinn-sheanair fhèin nam measg. Chuala sinn mun a sin 's mu na diofar cheumannan a tha Aonghas fhèin air gabhail na bheatha thuige seo.
Carson a tha Dòmhnall Trump airson A' Ghraonlainn a' cheannach? Bhon a choisinn e taghadh Aimeireagaidh bho chionn ghoirid, tha an saoghal a' feitheamh feuch dè seòrsa ceannais agus dè seòrsa poileasaidhean a bhios aige. Carson a tha A’ Ghraonnlainn, agus an Artaig san fharsaingeachd, cho luachmhor ' s an là an-diugh agus dè thig as a h-uile cà il a tha seo?
Chruinnich sluagh air an deireadh sheachdain 's an t-Eilean Sgitheanach, aig cuirm a chùm am buidheann ùr, Buidheann Eachdraidh an t-Sruthain. Bha Dòmhnall Dòmhnallach bhon bhuidheann ag innse dè na h-amasan a th' aca agus mun chuspair a bh' aca Disathuirne - se sin eachdraidh a phà ipeir-naidheachd ionadail, The Skye Clarion, a bha dol eadar 1951 agus 1957, 's a bha reic 1000 iris gach mìos.
Fhuair sinn blas an t-seachdain 'sa chaidh air briosgaid air a robh fèill mhòr aig à m na Bliadhn' Uire - se sin aran milis! An-diugh, rud eile a bha bitheanta aig à m na Bliadhn' Uire - duff! Bha triùir ann an còmhradh ri Cathy mu mar a bhios iad fhèin ga dhèanamh agus dè na dòighean as fheà rr a tha dol leotha.
On radio
More episodes
Previous
Broadcast
- Tomorrow 12:00Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Radio nan Gà idheal