Main content

Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, Eaglais na h-Alba

Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba. Service with Rev D J Morrison, assistant minister Church of Scotland.

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 36: 9-10 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Ùige an Eilein Sgiathanaich
Salm 63: 2-3 air fonn New London agus ‘s e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 16: 10-11 air fonn Stornoway agus ‘s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Leughadh: Philipianaich 1: 12-26

Bha Mgr Moireasdan na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' mhòr-chuid dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth gu h-oifigeil bhon mhinistrealachd, tha e fhathast a’ gabhail sheirbhisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an àite sam bith far a bheil feum air.

28 days left to listen

30 minutes

Last on

Yesterday 15:00

Broadcasts

  • Yesterday 09:00
  • Yesterday 15:00