27/01/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 343
Duration: 05:22
Litir 343: D貌mhnall 脪g MacFhearchair
An t-seachdain sa chaidh, bha sinn anns an Tulaich ann an Siorrachd Obair Dheathain. Faisg air a鈥 bhaile sin tha 脿ite ris an canar M貌ine Ailtridh. Anns an t-seachdamh linn deug, bha duine a鈥 fuireach ann a bha ainmeil. B鈥 esan D貌mhnall 脪g MacFhearchair. Bha e ainmeil airson a bhith sgileil leis a鈥 chlaidheamh.
Ann an sia ceud deug is ceathrad (1640), chaidh D貌mhnall a Lunnainn. A r猫ir beul-aithris, choisinn e cli霉 a bharrachd dha fh猫in ann an Lunnainn, far an robh m貌ran a鈥 bruidhinn mu dheidhinn Eadailteach anns a鈥 bhaile. Bha am fear sin sgileil leis a鈥 chlaidheamh. Bha e a鈥 cumail a-mach gum b鈥 esan an claidheamhair a b鈥 fhe脿rr air an t-saoghal.
Cha robh muinntir Lunnainn measail idir air an Eadailteach. Bha e cus ro 脿rdanach. Bhiodh e a鈥 spaidsearachd air na sr脿idean c貌mhla ri luchd-taic. Bhiodh drumair a鈥 coiseachd air thoiseach air. Chuireadh an drumair d霉bhlan ro dhuine sam bith a bha timcheall 鈥 thig is feuch do chlaidheamh an aghaidh mo mhaighstir! Leis gu robh e cho 脿rdanach bha gr脿in eadhon aig an r矛gh air an Eadailteach a bha seo. Ged a bha m貌ran airson sabaid na aghaidh, bha an t-eagal orra roimhe. Bha iad dhen bheachd gu robh draoidheachd aige, agus nach b鈥 urrainn do dhuine sam bith a鈥 ch霉is a dh猫anamh air.
L脿 a bha seo, bha an r矛gh a鈥 gearain mu dheidhinn. Thog cuideigin ainm an Albannaich, D貌mhnall 脪g MacFhearchair 脿 M貌ine Ailtridh. Saoil an d猫anadh esan a鈥 ch霉is air an Eadailteach, oir bha e cho sgileil leis a鈥 chlaidheamh? Fhuair an r矛gh fios gu robh D貌mhnall ann an Lunnainn. Dh鈥檌arr e air D貌mhnall a dhol a thadhal air. Air an rathad don l霉chairt, thachair D貌mhnall air an Eadailteach agus a luchd-leantainn. Bha an drumair a鈥 cur d霉bhlan ron t-sluagh 鈥 thig is feuch do chlaidheamh an aghaidh mo mhaighstir!
Chuir sin fearg air D貌mhnall. Tharraing e a chlaidheamh agus mharbh e an drumair. Chuir an t-Eadailteach d霉bhlan ro Dh貌mhnall. Chuir iad air d貌igh gum biodh iad a鈥 sabaid air an l脿rna-mh脿ireach. Nuair a dh鈥檌nnis D貌mhnall seo don r矛gh, bha an r矛gh air leth toilichte. Gheall e duais don Albannach nan d猫anadh e a鈥 ch霉is air an Eadailteach.
Air an oidhche sin, lorg D貌mhnall fear-frithealaidh an Eadailtich. Fhuair e a-mach bhuaithe gu robh an draoidheachd aig a mhaighstir ag obair mar a leanas: nuair a sh脿thadh duine le claidheamh e, cho luath 鈥檚 a bha an claidheamh air a tharraing a-mach 脿s a鈥 bhodhaig aige, thigeadh leigheas air an lot. 鈥橲 ann mar sin a bha an t-Eadailteach a鈥 d猫anamh a鈥 ch霉is air a h-uile duine.
Th脿inig an l脿rna-mh脿ireach agus th脿inig a鈥 ch貌mhrag eadar an dithis. Sh脿th D貌mhnall 脪g an t-Eadailteach le chlaidheamh. 鈥淭arraing do chlaidheamh a-mach!鈥 dh鈥櫭╥gh an t-Eadailteach air. Ach bha cuimhne aig D貌mhnall air na thuirt am fear-frithealaidh. Dh鈥檉h脿g e an claidheamh ann, agus thuit an t-Eadailteach marbh.
Thug an r矛gh poca 貌ir do Dh貌mhnall mar dhuais. Nuair a chuala an sluagh mu dheidhinn, ge-t脿, bha iad m矛-thoilichte. 鈥淪eall air an d矛ol-dh猫irce Albannach a鈥 cur 貌r Sasannach na ph貌caid,鈥 dh鈥櫭╥gh iad. Chuir sin fearg air D貌mhnall. Thilg e na buinn don fheadhainn a bha ag 猫igheachd air, leis na faclan, 鈥渃ha do choisinn na coin Sasannach an t-貌r dhaibh fh猫in, ach bhuannaich Albannach air an son e.鈥
Thill D貌mhnall a dh鈥橝lba. Bha cogadh a鈥 dol eadar Muinntir a鈥 Ch霉mhnaint agus luchd-taic an r矛gh. Dh矛on D貌mhnall agus Clann 鈥檌c Fhearchair baile Obair Dheathain an aghaidh feachd de luchd a鈥 Ch霉mhnaint. Ach fhuair saighdearan C霉mhnantach gr猫im air D貌mhnall agus mharbh iad e. Thathar ag r脿dh gun deach a thiodhlacadh ann an Obar Dheathain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.