01/10/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 274
Duration: 05:31
Litir 274: Am facal 'gruagach'
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu Eilean Cl猫ire, eilean G脿idhealach far chosta a deas na h-脠ireann. Bha mi ann as t-samhradh agus chuala mi seann sgeulachd a bhuineas don eilean. Bu mhath leam a h-innse dhuibh ann an G脿idhlig na h-Alba, agus dreach rudeigin s矛mplidh oirre.
Ach mus t貌isich mi, feumaidh mi ceist a chur oirbh. D猫 tha am facal gruagach a鈥 ciallachadh dhuibh? Uill, tha gruag a鈥 ciallachadh 鈥渇alt air a鈥 cheann鈥 no 鈥渇alt fuadan a tha a鈥 dol air a鈥 cheann鈥. Mar sin tha ceangal air choreigin eadar gruagach agus falt. Tha faclair Dwelly a鈥 toirt dhuinn 鈥 young woman, maiden, virgin, man with long hair, bridesmaid, bridegroom鈥檚 maid.
Tha e eadar-dhealaichte ann an 脠irinn, ge-t脿. Anns a鈥 ghearr-fhaclair aig 脫 D贸naill, tha gruagach a鈥 ciallachadh 鈥渉airy goblin, brownie, shaggy uncouth person, ogre, giant鈥. Is d貌cha nach biodh an t-貌ran br猫agha aig D貌mhnall Ailean Dh貌mhnaill na Bainich 脿 Uibhist 鈥淕ruagach 脪g an Fhuilt Bh脿in鈥 buileach cho tarraingeach do dh鈥櫭坕reannaich 鈥檚 a tha e dhuinne 鈥 air a鈥 chiad shealladh co-dhi霉!
Tha an sgeulachd bheag seo mu dheidhinn Gruagach 脠ireannach 鈥 鈥檚 e sin famhair. Ged is e Gruagach a chanas na h-脠ireannaich, tha mise a鈥 dol a ghabhail famhair air 鈥 Famhair Dh霉n an 脪ir. 鈥橲 e D霉n an 脪ir seann chaisteal ann an Eilean Cl猫ire.
Bha uaireigin am Famhair seo ann. Bha e m貌r is l脿idir. Agus bha draoidheachd aige. Bha a bhean ainmeil oir bha i air leth b貌idheach. Bha i air t猫 de na boireannaich a bu bhr猫agha air an do l脿igh s霉il peacaich a-riamh. Bha dath an 貌ir air a falt, a bha cho fada 鈥檚 gun do r脿inig e an talamh nuair a bha i na seasamh.
鈥橲 ann tric a thigeadh daoine-uaisle airson coimhead air a鈥 bhoireannach seo leis gu robh i cho br猫agha. Tha an seanfhacal G脿idhlig ag innse dhuinn gun tig tr矛 rudan gun iarraidh 鈥 an t-eagal, an t-eud 鈥檚 an gaol. Agus 鈥檚 ann a th脿inig an t-eud air an Fhamhair. Mar sin, nuair a bha e a鈥 falbh a thadhal air daoine eile, dh鈥檉hastaich e gaisgeach air an robh an t-Amadan M貌r mar ainm airson s霉il a chumail air a bhean, is a d矛on bho fhir-suiridhe gus an tilleadh e.
Ach cha robh e air a dhol fada bhon chaisteal nuair a roghnaich e tilleadh airson faicinn co-dhi霉 bha an t-Amadan M貌r a鈥 d猫anamh a鈥 ghnothaich dha gu d霉rachdach. Chuir e draoidheachd air fh猫in agus thill e don chaisteal le cruth eadar-dhealaichte air. Cha do dh鈥檃ithnich a bhean e ach bha esan cho toilichte a faicinn, agus i na h-aonar, 鈥檚 gun tug e p貌g dhi.
Rinn e deiseil airson falbh a-rithist. Ach bha an t-Amadan M貌r air fhaicinn agus bha e na sheasamh eadar am Famhair agus an doras. Cha do dh鈥檃ithnich esan am Famhair na bu mh貌. Thuirt an t-Amadan M貌r ris an fhear eile nach robh cead aige a bhith sa chaisteal, agus am Famhair air falbh. Agus thug e a chlaidheamh a-mach.
Th貌isich an dithis air sabaid. Ghe脿rr am Famhair aon chas an Amadain Mh貌ir dheth. Ach chum an t-Amadan M貌r air a鈥 sabaid, agus e leth-chasach. An uair sin, ghe脿rr am Famhair a chas eile dheth.
鈥淕heibh thu do dh脿 chois air ais bhuam,鈥 thuirt am Famhair, 鈥渕a leigeas tu a-mach mi.鈥
鈥淐as eile a gheibhinn, no na dh脿,鈥 fhreagair an t-Amadan, 鈥渃han fh脿g thu an t-脿ite seo gus an till am Famhair, 脿s d猫idh dhut p貌g a thoirt do bhean.鈥
鈥淪eadh,鈥 ars鈥 am Famhair ris fh猫in. 鈥淐han eil math dhomh a bhith a鈥 falbh air chuairt, is a鈥 f脿gail seirbheiseach ro dh霉rachdach 脿s mo dh猫idh!鈥
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ch脿nain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.