27/08/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 269
Duration: 05:39
Litir 269: An G脿idheal as ainmeile a th鈥 ann ann an Coir矛a
C貌 an G脿idheal as ainmeile a th鈥 ann ann an Coir矛a? Seadh 鈥 Coir矛a 鈥 an d霉thaich, a tha sgaraichte ann an d脿 ph脿irt, a tha l脿imh ri ceann a tuath S矛onaidh. Uill, chan urrainn dhomh a鈥 cheist sin a fhreagairt. Ach tha amharas agam gum biodh an t-Urramach Iain Ros nach maireann faisg air mullach na liosta, mura biodh e aig a鈥 mhullach fh猫in. Carson 鈥 uill, thig mi gu sin an ceann greis.
Rugadh Iain Ros ann an taobh sear Siorrachd Rois, faisg air B脿gh an Eig, anns a鈥 bhliadhna ochd ceud deug, ceathrad 鈥檚 a dh脿 (1842). Eadhon aig an 脿m ud bha G脿idhlig aig a鈥 mh貌r-chuid de shluagh na sg矛re sin, agus 鈥檚 e G脿idhlig a-mh脿in a bh鈥 aig Iain nuair a th貌isich e san sgoil ann am Baile a鈥 Chnuic. Ach, mus tigeadh a shaoghal gu cr矛ch, bhiodh e fileanta ann an grunn ch脿nanan eile, S矛onais agus Cor矛anais nam measg.
Bha athair na th脿illear agus bha e cuideachd na bhall de Bh貌rd na Sl脿inte, buidheann a chaidh a chur air chois airson d猫iligeadh ris a鈥 bhuinich-mh貌ir, no cholera. Thathar a鈥 smaoineachadh gun tug tr矛 rudan buaidh air Iain, agus e 貌g. Anns a鈥 chiad dol a-mach, bha a theaghlach an s脿s gu m貌r anns an Eaglais. A bharrachd air sin, bhiodh Iain a鈥 faicinn soithichean a鈥 tighinn is a鈥 falbh gu gach 脿ird, is bhiodh sin a鈥 toirt air smaoineachadh mun t-saoghal mh貌r. Agus bha e air a chuairteachadh le 脿iteachan a bha muinntir an 脿ite a鈥 comharrachadh mar co-cheangailte ris na s矛thichean. Ged nach robh e fh猫in air an aon r脿mh a thaobh rudan os-n脿darrach, thuigeadh e mar a bhiodh daoine a bha a鈥 fuireach ann an sg矛rean d霉thchail a鈥 coimhead air an t-saoghal.
Anns na seasgadan, dh鈥檉halbh e a Ghlaschu far an do rinn e ceum san oilthigh. An uair sin chaidh e a-steach don Mhinistrealachd ann an Talla Dhiadhaireach nan Cl猫ireach Aonaichte ann an D霉n 脠ideann. Bha 霉idh aige ann a bhith a鈥 falbh a-null thairis airson a bhith na mhiseanaraidh, agus thuirt am fear a bha os cionn B貌rd Misean C猫in na h-Eaglaise gum biodh an d脿rna cuid Na h-脤nnseachan no S矛ona freagarrach dha. Bha am B貌rd air aithneachadh gu robh sgilean c脿nain air leth aige.
Ach bha tarraing eile air 鈥 a dhachaigh. Bha Iain gu math measail air a鈥 Gh脿idhealtachd agus bha b貌rd eile dhen Eaglais 鈥 B貌rd Misean na Dachaigh 鈥 dhen bheachd gum bu ch貌ir dha tilleadh don Gh脿idhealtachd. Eadhon aig an 脿m ud bha gainnead ann de mhinistearan aig an robh comas searmonachadh ann an G脿idhlig.
Chaidh Iain a dh鈥橧nbhir Nis is an uair sin a Phort R矛gh. Ach cha robh e toilichte san Eilean Sgitheanach agus dh鈥檌arr e air an Eaglais a ghluasad a Ste貌rnabhagh. Eadhon ann an Le貌dhas, ge-t脿, cha robh e riaraichte, agus sgr矛obh e a-rithist gu B貌rd a鈥 Mhisein Ch猫in, ag iarraidh orra a chur a-null a Sh矛onaidh. Sgr矛obh Cathraiche a鈥 Bh霉ird, an Dotair Uilleam MacGill, ris gum biodh e na b鈥 fhe脿rr dha a bhith 鈥渘a shradag misein [thall thairis] na lasair ann an Ros an Ear鈥.
Anns a鈥 Ghearran ochd ceud deug, seachdad 鈥檚 a dh脿 (1872) fhuair e cead dhol a Sh矛onaidh. Goirid mus do dh鈥檉halbh e, ph貌s e, agus e a-nise trithead bliadhna a dh鈥檃ois. Aig an toiseach chaidh e gu ruige Chefoo (air a bheil Yantai an-diugh), air a鈥 chosta mu choinneimh Choir矛a, far an robh miseanaraidhean eile. Cha b鈥 fhada gus an robh e a鈥 coimhead airson 脿ite 霉r dha fh猫in, ge-t脿. Innsidh mi dhuibh mar a choisinn e cli霉 mh貌r dha fh猫in ann am Manchuria is Coir矛a an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.