06/08/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 266
Duration: 04:43
Litir 266: Coileach Donn
An t-seachdain sa chaidh thug sinn s霉il air p矛os b脿rdachd do dh鈥檌nbhich. Bu mhath leam an t-seachdain seo rann do chloinn a thoirt dhuibh. Agus ma tha clann agaibh 鈥檚 d貌cha gum biodh e math an rann seo ionnsachadh gus am faigh sibh cothrom a h-aithris c貌mhla riutha. Chan eil fhios agam co-dhi霉 tha tiotal oirre 鈥 canaidh mi d矛reach 鈥淐oileach Donn鈥 rithe, oir 鈥檚 e sin am beathach a tha a鈥 nochdadh anns a鈥 chiad rainn.
Seo a鈥 chiad rann dhuibh agus, mus t猫id sinn air adhart, tha mi airson 鈥檚 gum bi sibh comasach air innse d猫 an tuiseal anns a bheil ainm a鈥 bheathaich:
Coileach donn, coileach donn, coileach donn aig S矛le,
Coileach donn, coileach donn, chaidh e dhan a d矛g oirr鈥.
A bheil an neach-aithris a鈥 bruidhinn ris a鈥 choileach no a bheil e a鈥 bruidhinn mu dheidhinn a鈥 choilich? Nan robh e a鈥 bruidhinn ris, 鈥檚 ann don tuiseal ghairmeach no vocative case a rachadh coileach agus chanadh e 鈥渁 choilich鈥. Agus leis gum biodh am buadhair ag aontachadh ris an ainmear, bhiodh e air a sh猫imheachadh is air a chaolachadh. Chanadh e 鈥渁 choilich dhuinn, a choilich dhuinn鈥.
Chan e sin a chanas e, ge-t脿. Mar sin, tha e a鈥 bruidhinn mu dheidhinn a鈥 choilich is d矛reach ga ainmeachadh. Tha am facal anns an tuiseal ainmneach no nominative case. Coileach donn, coileach donn.
Bheir mi dhuibha鈥 chiad rann a-rithist a-nise, agus leanaidh mi orm leis a鈥 ch貌rr. Ch矛 sibh gu bheilear ag ainmeachadh beathach eadar-dhealaichte anns gach rainn. Tha rudeigin eadar-dhealaichte a鈥 tachairt do gach beathach fa leth.
Coileach donn, coileach donn, coileach donn aig S矛le,
Coileach donn, coileach donn, chaidh e dhan a d矛g oirr鈥.
Coinean glas, coinean glas, coinean glas aig Anndra,
Coinean glas, coinean glas, siud e measg nan deanntag.
Cuilean dubh, cuilean dubh, cuilean dubh aig S矛ne,
Cuilean dubh, cuilean dubh, cha bhi e eadhon b矛deadh.
Damh breac, damh breac, damh breac aig Iain,
Damh breac, damh breac, 鈥檚 e reamhar mun a鈥 mheadhan.
Eireag thinn, eireag thinn, eireag thinn aig Anna,
Eireag thinn, eireag thinn, dh鈥檉h脿s i lag is tana.
G猫adh liath, g猫adh liath, g猫adh liath aig Seonag,
G猫adh liath, g猫adh liath, chaidh e measg nan tunnag.
Lothag bh脿n, lothag bh脿n, lothag bh脿n aig Ruairidh,
Lothag bh脿n, lothag bh脿n, ruith e s矛os is suas leis.
Luchag bheag, luchag bheag, luchag bheag aig Mairead,
Luchag bheag, luchag bheag, siud i anns a鈥 鈥渓arder鈥.
Piseag gheal, piseag gheal, piseag gheal aig Seumas,
Piseag gheal, piseag gheal, chaidh e leath鈥 a ch猫ilidh.
Reithe m貌r, reithe m貌r, reithe m貌r aig Iomhar,
Reithe m貌r, reithe m貌r, cha do chuir e fiamh air.
Searrach luath, searrach luath, searrach luath aig Se貌ras.
Searrach luath, searrach luath, chaidh e dhan a dr貌bh leis.
Uircean buidh鈥, uircean buidh鈥, uircean buidh鈥 aig P脿draig,
Uircean buidh鈥, uircean buidh鈥, leathann agus l脿idir.
Sin e. Tha mi an d貌chas gun do thuig sibh a鈥 chuid mh貌r dhith. Agus mus fhalbh mi, seo rann bheag eile do chloinn air a bheil 鈥淎ir Chall鈥. Cha leig mi leas dad a r脿dh mu a deidhinn ach gum buin i do dh貌igh-beatha nach eil aig na h-uimhir an-diugh:
Am faca duine M脿iri
Na dh鈥檉hidreadh idir M貌r
O, c脿it an deacha P脿draig,
An d鈥 fhuaireadh lorg air P貌l?
C貌 chartas dhomh a鈥 bh脿thach,
C貌 bhleoghnas dhomh a鈥 bh貌,
鈥橲 gun sgeul air M貌r no M脿iri
Air P脿draig no air P貌l?
Sin e bhuamsa an t-seachdain seo. Mar sin leibh an-dr脿sta.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: nan robh e a鈥 bruidhinn ris: if he were speaking to it; d猫 an tuiseal anns a bheil ainm a鈥 bheathaich?: in which (grammatical) case is the animal鈥檚 name?; bhiodh e air a sh猫imheachadh is air a chaolachadh: it would be lenited and slenderised; chan e sin a chanas e: that鈥檚 not what he says; (am) measg nan deanntag: among the nettles; dh鈥檉h脿s i lag is tana: she grew weak and thin; cha leig mi leas: I don鈥檛 need to; na dh鈥檉hidreadh idir M貌r?: was M貌r searched for?; an d鈥 fhuaireadh lorg air P貌l?: was Paul found?; gun sgeul air X no Y: without sight or sound of X or Y.
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.