05/10/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 118
Duration: 05:10
Litir 118: Sir P貌l Edmund de Strzelecki
A bheil an t-ainm Sir P貌l Edmund de Strzelecki a鈥 ciallachadh dad dhuibh? Cuiridh mi geall nach eil, ach, o chionn ceud gu leth bliadhna, bha m貌ran Ghaidheal gu math e貌lach air ainm, agus bha a鈥 chuid a bu mhotha aca dhen bheachd, a r猫ir choltais, gur e trustar a bh鈥 ann. Nuair a chanas mi Gaidheil, tha mi a-mach air Gaidheil Astr脿ilia agus, ann an meadhan an naoidheamh linn deug, cha bu bheag an 脿ireamh aca.
鈥橲 e duine-uasal P貌lainneach a bh鈥 ann an Strzelecki, agus th脿inig e a dh鈥橝lba turas nuair a bha e 貌g. Chuir e seachad 霉ine air an fhearann aig P脿draig Sellar ann an Srath Nabhair, 脿s an deach na daoine d霉thchasach fhuadachadh. Tha e coltach gu robh Strzelecki dhen bheachd gu robh Sellar a鈥 d猫anamh rudan math鈥 ann, is ga adhartachadh airson an t-saoghail mh貌ir. Ach cha b鈥 e sin an t-adhbhar a bha gr脿in aig Gaidheil Astr脿ilia air.
Chaidh e a dh鈥橝str脿ilia ann an ochd ceud deug, trithead 鈥檚 a naoi (1839), agus cha b鈥 fhada gus an robh e air a dhol a-mach don d霉thaich, a鈥 rannsachadh sg矛rean iomallach. Bliadhna as d猫idh sin, chaidh e tro cheann an ear-dheas New South Wales, eadar Sydney agus Melbourne, nach robh aithnichte idir do na daoine geala. No, 鈥檚 e sin a bha Strzelecki a鈥 smaoineachadh co-dhi霉.
Chuir e seachad c貌rr is d脿 mh矛os anns na beanntan is coilltean mus do r脿inig e Melbourne, a bha d矛reach na bhaile beag b矛odach aig an 脿m. Lorg e aibhnichean, lochan is beanntan dhan tug e ainmean agus, don sg矛re gu l猫ir, thug e an t-ainm Gipps鈥 Land, as d猫idh Riaghladair New South Wales, Sir Se貌ras Gipps, an t-ainm a th鈥 air fhathast.
Ach chuir sin caothach air na h-Albannaich, oir bha iadsan a鈥 cumail a-mach gu robh fear dhen fheadhainn aca fh猫in air a bhith ann roimhe, agus gu robh e fh猫in air ainmean a chur air na beanntan is eile. Agus chuir e an t-ainm air an sg矛re air fad 鈥淐aledonia Australis鈥.
B鈥 esan Aonghas Mac a鈥 Mhaoilein. Bhuineadh e don Eilean Sgitheanach, ged a bha e air 霉ine a thoirt seachad ann am Barraigh cuideachd, agus bha e ag obair mar mhanaidsear-stuic aig fear de na h-uachdarain Albannach ann an New South Wales. Chaidh e air cuairt fhada tro Chaledonia Australis ach 鈥 agus seo a鈥 mhearachd a rinn e 鈥 cha do dh鈥檉hoillsich e c脿il mu dheidhinn don mh貌r-shluagh.
Bha diofar bheachdan air na bha a鈥 gluasad an dithis fhear-rannsachaidh. Thuirt luchd-taic Strzelecki nach robh Mac a鈥 Mhaoilein na fhear-rannsachaidh ceart anns an t-seadh 鈥檚 nach robh e airson fiosrachadh a leigeil ma sgaoil mu na h-脿iteachan a lorg e; bha e a鈥 cleith an fhiosrachaidh gus am faigheadh e fh猫in buannachd 脿s le bhith a鈥 cur crodh is caoraich air an fhearann as fhe脿rr mus robh fios aig duine sam bith eile mu dheidhinn.
Air an l脿imh eile, thog luchd-taic Mhic a鈥 Mhaoilein iomhaigh dheth mar dhuine iriosal nach robh idir airson cli霉 a choisinn dha fh猫in am measg 脿rd-urrachan na d霉thcha. Cha robh e ag iarraidh a bhith cli霉mhor, mar a bha Strzelecki. Agus chaidh na casaidean air ais is air adhart, le gach taobh a鈥 d猫anamh dheth gur e am fear eile a bha f猫ineil.
Chan eil an deasbad buileach seachad an-diugh, agus beachdan l脿idir ann fhathast airson, agus an aghaidh, Mhic a鈥 Mhaoilein. Ach bha aon sluagh ann an Astr脿ilia a bha coma mu dheidhinn 鈥 na daoine dubha a bh鈥 air a bhith a鈥 fuireach ann airson nam m矛ltean bhliadhnaichean, fada mus robh guth air Caledonia neo air a鈥 Ph貌lainn, neo air Sir Se貌ras Gipps.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.