Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 46: G脿idheal aona-ch脿nanach

Thathar ag r脿dh gu tric nach eil a leithid de rud ann an-diugh mar Gh脿idheal aona-ch脿nanach. Agus uaireannan cluinnear daoine, agus iad ag r脿dh 鈥淒猫 feum a th鈥 ann anns a鈥 Gh脿idhlig - tha Beurla aig a h-uile mac m脿thar ann an Alba co-dhi霉.鈥 Uill, tha iomadh rud a b鈥 urrainn dhomh r脿dh mu dheidhinn sin. Ach canaidh mi d矛reach seo 鈥 nach eil e ceart gu bheil Beurla mhath choilionta aig a h-uile duine, a h-uile mac m脿thar ma thogras sibh, anns an d霉thaich seo.

Tha d脿 bhuidhinn ann anns am faighear daoine a tha nas comasaich鈥 air a鈥 Gh脿idhlig na tha iad air a鈥 Bheurla 鈥 feadhainn 貌ga agus seann daoine. Tha fios agam gu bheil cuid de luchd-猫isteachd a鈥 phr貌graim seo ag ionnsachadh na G脿idhlig air sg脿th 鈥檚 gu bheil oghaichean aca anns na h-Eileanan Siar, oghaichean 貌ga nach eil aig sgoil agus aig nach eil deagh Bheurla fhathast.

Agus d猫 mu dheidhinn seann daoine? Uill, tha cuimhn鈥 agam air duine neo dithis nam 貌ige fh猫in, air t矛r-m貌r na G脿idhealtachd ann an Siorrachd Rois, aig an robh gl猫 bheag dhen Bheurla. Ach tha iad air falbh a-nise. Tha aon 脿ite ann fhathast, ge-t脿, far an tig thu tarsainn air seann Gh脿idheil a th鈥 air m貌ran dhen Bheurla aca a chall. An t-ospadal.

Chuala mi mu dheidhinn fear a chaochail o chionn ghoirid, agus 鈥檚 e sin a thachair dhasan. Bha G脿idhlig mhath aige, ged a bha e air a bhith a鈥 fuireach taobh a-muigh na G脿idhealtachd airson 霉ine mh貌ir. Ach cha b鈥 e sin a bheachd fh猫in. Thuirt e rium gu robh e a鈥 cleachdadh cus fhaclan Beurla air sg脿th 鈥檚 gu robh e a鈥 d矛ochuimhneachadh nam faclan G脿idhlig.

Uill, 鈥檚 e rud annasach a tha anns an inntinn, ach ghabh an duine c貌ir seo str貌c agus b鈥 fheudar dha dhol don ospadal. Chan eil fhios a鈥檓 co-dhi霉 鈥檚 e an str貌c a bu choireach, neo d矛reach aois, ach anns na seachdainean mu dheireadh aige, agus e na laighe anns an ospadal, chaill e a chuid Bheurla gu l猫ir. Cha b鈥 urrainn dha ach G脿idhlig a bhruidhinn.

Nise, bhiodh sin dona gu le貌r ann an Alba, gu h-脿raidh air a鈥 Ghalltachd, ach bha an duine bochd seo fada bho Alba. Bha e ann an Astr脿ilia agus, mar a thuigeas sibh, cha robh G脿idhlig aig gin dhen luchd-obrach anns an ospadal. Gu fortanach dha, ge-t脿, bha G脿idheal eile a鈥 fuireach anns an dearbh bhaile, a bha e貌lach air, agus rachadh esan a ch猫ilidh air gu tric. Agus bhiodh cothrom dha eadar-theangachadh a dh猫anamh airson nan nursaichean.

Cha chreid mi gu bheilear a鈥 tuigsinn cho cumanta 鈥檚 a tha suidheachaidhean mar seo, agus thug e bliadhnaichean mus do dh鈥檃ontaich luchd-sti霉iridh Ospadal an

Rathaig Mh貌ir, ann an Inbhir Nis, anns am bi m貌ran Gh脿idheal a鈥 cur seachad 霉ine, Radio nan G脿idheal a chur air siostam-r猫idio an ospadail. Tha mi toilichte gu bheil iad air sin a dh猫anamh a-nise.

Tha mi toilichte cuideachd gun do dh鈥檉hoillsich buidheann de dh鈥檕ileanaich ann an Ste貌rnabhagh, a tha a鈥 tr猫anadh airson a bhith nan nursaichean, leabhar beag o chionn ghoirid, anns a bheil abairtean G脿idhlig a bhios feumail ann an ospadal. Tha mi 鈥檔 d貌chas gum faigh nursaichean is dotairean, aig nach eil G脿idhlig, cothrom an leabhar fhaighinn, gu h-脿raidh ma tha iad ag obair air a鈥 Gh脿idhealtachd neo anns na h-Eileanan. 鈥楽 e an t-ainm a th鈥 air an leabhar 鈥淭ha mi a鈥 dol a chur a-mach鈥. C貌 aige tha fios nach biodh e feumail air b貌rd b脿ta cuideachd! Co-dhi霉, bheir sinn s霉il air cuid de na h-abairtean a tha na bhroinn an ath sheachdain.

Faclan na seachdaine

aona-ch脿nanach: monolingual; cluinnear (daoine): (people) are (willbe) heard; coilionta: complete, perfect; oghaichean: grandchildren; a d矛ochuimhneachadh:forgetting; eadar-theangachadh: translation; abairtean: phrases.

Abairtean na seachdaine

tha iomad rud a b urrainn dhomh r脿dh: there are many things Icould say; anns am faighear daoine: in which people are found (obtained); far an tig thutarsainn air X: where you come across X; cha b e sin a bheachd fh猫in: that was not his ownopinion; gabh X str貌c: X suffered (took) a stroke; b fheudar dha dhol don ospadal: he had togo to hospital; co-dhi霉 s e an str貌c a bu choireach: whether the stroke was responsible; chaille a chuid Bheurla gu l猫ir: he lost all his English; rachadh esan a ch猫ilidh air gu tric: he wouldoften go to visit him; cha chreid mi gu bheilear a tuigsinn: I dont think it is understood; thuge bliadhnaichean mus do dhaontaich X: it took years before X agreed; tha mi a dol a chur amach:I am going to be sick; c貌 aige tha fios nach biodh e feumail air b貌rd b脿ta cuideachd: whoknows, it might be useful on board a boat as well.

Puing ghr脿mair na seachdaine

A point about pronunciation this week: have you masteredthe Gaelic ls yet? It is one of the most difficult consonants for a learner to perfect but thereare two words in this weeks Litir which should be useful to try with your Gaelic teacher as theyrepresent two important types of l ospadal and G脿idheal. In both words, in the nominativesingular case, the terminal l is a broad one. But in the nominative plural and genitivesingular cases, the l is slenderised and the tongue moves forward in the mouth, makingmore distinct contact with the teeth. The spelling is altered to show the sound change toospadail and G脿idheil. This seeming subtlety of consonant change is actually not subtle at allto the Gaelic ear and, if not employed properly, can lead to misunderstanding. Try sayingquickly ceannardan nan ospadal (the hospitals heads) and then ceannardan an ospadail(the hospitals heads) and you will see how important it is to get this sound right.

Gn脿ths-cainnt na seachdaine

Tha Beurla aig a h-uile mac m脿thar co-dhi霉: every Tom, Dickand Harry speaks English anyway. Lit. every son of a mother, it also takes in females, but useit sparingly and not in a situation where you are being excessively respectful to the subject ofthe conversation.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast