Main content
Sorry, this episode is not currently available

Salad

Prògram 1 de 12

Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ dèanamh sailead ioma-dhathach. Linda and her friends make a colourful and tasty salad.

Sreath ùr anns a bheil Linda NicLeòid a’ còcaireachd cuide ri a caraidean. An-diugh tha Fionnlagh agus Elizabeth cuide ri Linda airson sailead ioma-dhathach a dheasachadh le tuna, pasta agus glasraich de gach seòrsa, leithid pònairean uaine agus coirce Innseanach. Ach mus tòisich iad a’ còcaireachd, feumaidh iad dèanamh cinnteach gu bheil na tha a dhìth aca a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn.

Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach cò às a tha coirce Innseanach a’ tighinn. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson an sailead ullachadh mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd airson ithe!

Linda Macleod and friends cook a number of tasty dishes. She is joined by Fionnlagh and Elizabeth to prepare a multi-coloured salad with tuna, pasta and vegetables, including green beans and sweetcorn. However, before they start, they must be sure they have all the ingredients - anything missing has to go on the shopping list.

Linda and her friends learn more about sweetcorn and how it is grown before heading back into the kitchen to prepare the salad. Then it's a case of sitting down at the table and tucking in!

Air a chraoladh

DiC 31 Iuch 2024 17:00

Tuilleadh phrògraman

Roimhe

Tha thu aig a' chiad phrògram

See all episodes from Lon le Linda

Sailead Ioma-dhathach

Sailead Ioma-dhathach

Sailead Ioma-dhathach

AIRSON  4

STUTHAN

350g cumaidhean pasta
200g pònairean uaine air an gearradh ann am pìosan goirid
160g cana tuna air a shìoladh
4 spàinean mòra mayonnaise
4 spàinean mòra iogart
Leth-phacaid de chreamh-ghàrraidh air a ghearradh
200g tomàtothan  air an gearradh nan cairtealan
1 piobar orainds air a ghearradh na chiùbaichean
195g cana coirce-Innseanach air a shìoladh

Bruich am pasta a-rèir an stiùireadh air a’ phacaid agus sìol e gu math.

Bruich na pònairean-uaine ann an uisge goileach airson dà mhionaid.  Sgol ann an uisge fuar agus sìol iad.  

Measgaich an tuna, am mayonnaise, an iogart agus an creamh-ghàrraidh còmhla.

Cuir am pasta ann am bobhla mòr glainne, no bobhlaichean no crogain  nas lugha,  agus cuir am measgachadh tuna air muin seo.  Cuir sreath de phònairean-uaine air am muin agus an uairsin sreath thomàtothan, sreath phiobair agus, mu dheireadh,  sreath den choirce-Innseanach.

Còmhdaich agus fuaraich sa frids gus am bi thu deiseil airson ithe. 

Multi-coloured Salad

SERVES 4

INGREDIENTS

350g pasta shapes
200g green beans, trimmed and chopped into short lengths
160g can tuna in olive oil, drained
4 tbsp mayonnaise
4 tbsp natural yogurt
½ small pack chives, snipped (optional)
200g cherry tomatoes, quartered
1 orange pepper, cut into little cubes
195g can sweetcorn, drained

Cook the pasta until it is still a little al dente and drain well.

Cook the green beans in simmering water for 2 mins, then rinse in cold water and drain well. Mix the tuna with the mayonnaise and yogurt. Add the chives, if using.

Tip the pasta into a large glass bowl or four small ones, or four wide-necked jars.

Spoon the tuna dressing over the top of the pasta. Add a layer of green beans, followed by a layer of cherry tomatoes, then the pepper and sweetcorn.

Cover and chill until you’re ready to eat.

Role Contributor
Presenter Linda MacLeod
Executive Producer Una MacDonald
Producer Donald Macleod
Production Manager Mairi Mackinnon