![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
|||||||||||||||||
![]() |
![]() |
||||||||||||||||||||||
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
°äà ²Ô²¹¾±²Ô
|
Ìý |
Ìý
RET gus leantainn bliadhna eile dha na h-Eileanan Siar
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun lean faraidhean saora RET air seirbheisean aiseig eadar na h-Eileanan Siar, Colla agus Tiriodh
agus Tìr Mòr, bliadhna eile gu an t-Earrach 2012.
Thà inig an naidheachd an dèidh do BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, iarraidh air an Riaghaltas innse an deadh na faraidhean a chumail. Bha dùil gun sguireadh an sgeama pìleat an ath-bhliadhna. Tha eileanan eile ann an Earra-Ghà idheal ag iarraidh gun tèid RET a chur air na slighean acasan cuideachd, agus fianais ann gu bheil an sgeama air cur gu mòr ri turasachd sna h-Eileanan Siar. Poileataigs Sheall figearan bho Visit Scotland bho chionn greis gun robh an à ireamh de luchd-turais suas anns na h-Eileanan Siar cho à rd ri 40% air a' bhliadhna an-uiridh. Tha diomb air cuid ann an Eileanan Earra-Ghà idheal mun naidheachd. "Chan eil e ceart idir sin," thuirt Comhairliche ÃŒle, Diùra agus Cholbhasa, Robin Currie. "Gur ann a tha muinntir nan Eileanan Siar a' faotainn leth na prìse airson a' bhà t-aiseig, agus sinne an seo ann an Earra-Ghà idheal is Bòid, a' pà igheadh an fharaidh air fad. "Ma tha aon eilean ga fhaotainn, bu chòir dha na h-Eileanan air fad fhaotainn. "Chan eil e ceart nach eil sinn ga fhaotainn airson Muile, Colbhasa, Giogha. Carson nach eil sinne ga fhaotainn?" thuirt e. Thuirt BP Earra-Ghà idheal, Ailean Reid, gu bheil an SNP a' taobhadh ris na h-Eileanan Siar a dh'aona-ghnothach gus an sgìre a ghlèidheadh aig an ath-thaghadh. Chan eil BPA Nà iseantach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a' gabhail ris an argamaid sin ge-tà . "Tha ùidh aig an SNP ann an Earra-Ghà idheal cuideachd - 's e seat SNP a th' ann," thuirt e. "Tha e cudromach cuideachd a rà dh gu bheil RET a' ruith mar thà air na slighean gu dà eilean ann an Earra-Ghà idheal, gu Colla agus Tiriodh. "Feumaidh mi rà dh cuideachd ge-tà , gum bithinnsa gu math toilichte nam biodh RET ag obair dha na h-eileanan eile cuideachd. Ìý
|
Ìý |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý |
|
||||||||||||||||||||||
Ìý | |||||||||||||||||||||||
|