

Calum "Piobaire" Mac a' Phearsain
Thà inig an dealbh seo bhon leabhar Binneas is Borearaig.
B' e Calum "Pìobaire" Mac a' Phearsain aon de na pìobairean a b' ainmeile ann an eachdraidh a' chiùil. Bha e na phìobaire an Caisteal Chluainidh mar a bha athair, Aonghas, roimhe. Agus b' ann le na pìobairean ainmeil Clann MhicCruimein anns an Eilean Sgitheanach a chaidh Aonghas oideachadh.
Bha Calum a' fuireach ann an Cataig, faisg air Lagan, agus sin far am biodh e a' teagaisg pìobaireachd. Dh'ionnsaich e a chòignear mhac fhèin agus grunn de ghillean Bhà ideanach, cuid a bhiodh a' coiseachd mìltean airson cothrom ionnsachadh bhuaithe. B' ann le còmhradh agus canntaireachd a biodh e a' teagaisg, 's a rèir coltais bha e glè chruaidh air na h-oileanaich aige 's aca uairean suas ri dusan uair a thìde san là a chur seachad ag ionnsachadh. Ach chruthaich e grunn de shà r phìobairean thar nam bliadhnaichean.
Choisinn Calum iomadach duais pìobaireachd na latha, nam measg Am Bonn Òir aig Cruinneachadh Earra Ghà idheil san Òban ann an 1876. Ann an 1886 bhuannaich e farpais mhòr phìobaireachd a mhair trì là ann an Dùn Èideann 's e còrr is trì fichead aig an à m.
Chaochail Calum san Iuchar 1898 agus chaidh a thiodhlacadh ann an cladh eaglais Lagain. Sa bhliadhna 1960 thog Comann Glaschu Bhà ideanach cà rn ann an Cataig mar chuimhneachan air an t-sà r phìobaire.