

Diùc Gòrdan le Henry Reynolds
Thà inig an dealbh seo bhon leabhar Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times le Alasdair Mac a' Phearsain. (1893)
Sa bhliadhna 1789 chaidh Seòras dhan arm. Ann an 1794, an cuide ri mhà thair, thog iad an rèiseamaid ainmeil 92nd Gordon Highlanders. Bha Seòras Gòrdan os cionn na rèiseamaid seo sa Spà inn, an Corsica, an Èirinn agus anns an Òlaind bho 1795 gu 1799 agus chaidh a dhroch leòn aig Blà r Bergen. Chaidh a dhèanamh na Liuteanant Seanalair ann an 1808 agus na Sheanalair ann an 1819.
Phòs e Ealasaid Brodie ann an 1813 agus chuir iad seachad ceithir bliadhna deug ann an Loidse Hunndaidh mus do ghluais iad gu Caisteal Ghòrdain.
An dèidh bàs athar ann an 1827 chaidh ainmeachadh mar Diùc Ghòrdan agus Iarla Norwich a bharrachd air Marquis Hunndaidh. Chaochail Seòras ann an 1835 agus bho nach robh oighre aige, chaidh cur às dha na tiotalan seo uile. Tha e air a thiodhlacadh faisg air athair ann an cladh à rd-eaglais Eilginn agus air a chuimhneachadh an sin le cà rn-cuimhne ochdad troigh a dh'à ird.
Tha cà rn-cuimhne eile dhan Diùc air mullach Tòrr Albhaidh. Cuideachd, air a' bheinn seo, tha cà rn-cuimhne eile. Chaidh an cà rn seo a thogail ann an 1815 leis an Diùc mar chuimhneachan air saighdearan às na Gordon Highlanders agus an Rèiseamaid Rìoghail a chaill am beatha aig blà r Waterloo.