Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt

Allt saidhe

Dòmhnall Donn Bhoth Hunndainn

B' ann ann an Allt Saidhe a rugadh am bàrd agus am mèirleach chruidh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Donn Bhoth Hunndainn. Ged nach eil dealbh dheth ri fhaotainn tha beachd againn air a choltas bhon òran a rinn a leannan, nighean Tighearna Ghrannd:

Allt Saidhe
© John Allan

Ìý





Tha do phearsa cuimir dealbhach,
'S math thig èideadh dhut is armachd;
Bu tu 'n curaidh treun, neo-chearbach
'S meanmnach anns an tuasaid.

'S math thig fèile dhut san fhasan
Bonaid gorm is còta breacain,
Osan geàrr is trì chuir ghartan
'S glas lann air do chruachan.

Chan eil òganach cho ainmeil
Riut sa cheàrna seo de dh'Albainn:
'S mairg a dhùisgeadh suas gu fearg thu
'N àm nan arm a bhualadh.

Chan eil teagamh nach robh Dòmhnall Donn ainmeil, cho ainmeil 's gu bheil sgoilearan a' cumail a-mach gur dòcha gu bheil sgeulachdan mu euchdan dhaoine eile agus bàrdachd dhaoine eile air an cuir às leth Dhòmhnaill. Ach tha iad uile ag aontachadh gur e mèirleach chruidh a bh'ann agus gu robh e dèidheil air boireannaich. Chaidh a chur gu bàs mun bhliadhna 1691, an dèidh a ghlacadh 's e a' dèanamh deiseil airson teiche le nighean Tighearna Ghrannd an aghaidh toil a h-athar.

Tha grunn thionndaighean den sgeul ri fhaighinn ach a rèir aon aithris tha e coltach gu robh an nighean glè dheònach falbh leis. Bha Dòmhnall a' falach an an uaimh faisg air Rèilig Ghoiridh a' feitheamh cothrom falbh leatha nuair a thug na Granndaich a' char às. Chuireadh fios thuige, ma b' fhìor bhon nighinn, tighinn ga coinneachadh an taigh àraidh. An sin chuireadh an deoch air agus, nuair a thuit e na chadal ann an sabhal, ghoideadh a sgiath agus a chlaidheamh agus thugadh e an grèim.

Fhad 's a bha e am prìosan rinn e an t-òran:

Gur mi th'air mo sgaradh
Bho thoiseach an earraich:
Tha mo chas air a sparradh fo dhèile.

B' fheàrr gun tigeadh an t-aiteamh
'S gum falbhadh an sneachda
'S gun teannadh gach aigne ri chèile.

B'fheàrr gum faicte mo chàirdean
Tighinn a-staigh le Creag Phàdraig
'S cha b' fhada bhiodh cabhsair ' ga rèiteach.

'S iad a chuireadh an gradan
Ri dùthaich nan adag;
Chan fhàgadh iad caisteal ri chèile.

'S iad gun cuireadh an sgùradh
Fo luchd nan gruag fùdair:
Chan fhàgadh iad lùth an còig cheud dhiubh.

Bhithinn cinnteach à 'r cruadal
'N àm an claidheamh a bhualadh:
Chuirteadh laigh' air na Tuathaich nach èireadh.

Bhithinn earbsach à 'r dilseachd,
Nach fàgte mi 'm prìosan
'S gum faighinn a rìs air an rèidhlean.

Ach cha tàinig a chàirdean gus cobhair a dhèanamh air agus chaidh Dòmhnall Donn a dhì-cheannadh. Tha e air a ràdh gu robh a phiuthar Ceit an làthair 's gur e na facail mu dheireadh a chualas bhuaithe "A Cheit, tog an ceann".

'S e an t-òran as ainmeil a thathar a' cur às leth Dhòmhnaill an t-òran ris an canar A Mhairead Òg ged tha sgoilearan cinnteach gu bheil dà òran air a dhol an lùib a chèile. Seo mar tha e a' tòiseachadh anns An t-Oranaiche a dheasaich Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich sa bhliadhna 1879.

A Mhairearad òg, 's tu rinn mo leòn
Gur cailin bhòidheach lurach thu,
Gur guirm do shùil na madainn dhriùchd
An dearc air chùl nan duilleagan

Gur guirm do shùil na madainn dhriùchd
An dearc air chùl nan duilleagan:
Gur gil thu, ghràidh, na 'n sneachda bàn
A' cur air àrd nam monaidhean.

Gur gil thu, ghràidh,etc
Ochoin a Rìgh, mo nighean donn
Nach robh mi thall am Muile leat.

Ochoin a Rìgh, etc
Gum marbhainn iasg is sitheann fhiadh
'S cha bhiodh, a chiall, oirnn uireasbhaidh.

Gum marbhainn iasg etc
'S gum marbhainn coileach-dubh air geug
Mum biodh na èiteadh ioma fear.

'S gum marbhainn etc
'S an earbag bheag à bun a' phris
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i.



Èist

Bha Dòmhnall Donn Bhoth Hunndainn an dùil teicheadh le nighean Tighearna nan Granndach ach chaidh a ghlacadh 's a chur gu bàs.



Èist

Seo A' Mhairead Ã’g mar a bha aig Seonag NicCoinnich nach maireann.



air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý