Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý

Gleann na Cìche

¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Gobha Siosal

Gleann na Cìche
© Ted Spiller

Rugadh ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Siosal, no ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Gobha mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e, ann an Cnoc Fin, Srath Ghlais sa bhliadhna 1735. B’ e sàr bhàrd a bh’ ann agus choisinn e cliù ann an Srath Ghlais mus do ghluais e a dh’Alba Nuadh ann an 1803.

Chuir e seachad fichead bliadhna ag obair mar fhorsair aig A’ Chìoch ann an ceann shuas Srath Ghlais. A bharrachd air an tuathanas a bh’ aige ann an Cnoc Fin, bha pìos den bheinn aige air mhàl. Ach, ged nach eil fios le cinnt carson, chaill e am fearann sin. Bha e mar gum biodh e air muime a chall:

Chuir mo bhanaltram cùl rium;
Chaill mi ‘n cupan bha fallain.

Fhuair na Frisealaich còir ort,
‘S chaidh mis’ fhògar le m’ aindeoin.

[MacDonnell, Margaret, 1982. The Emigrant Experience, Songs of Highland Emigrants in North America. London: University of Toronto Press]

Agus, bha sgaradh na bu mhiosa fhathast ri thighinn.

Phòs ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Mairead, nighean Dhòmhnaill Siosal, à Cnocan-dàimh. Bha sianar chloinne aca: Alasdair, Iain, Uilleam, Gilleasbaig, ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô agus Fionnlagh. Bhàsaich a bhean mus deach ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô a dh’Alba Nuadh.

Bha muinntir Srath Ghlais ann an suidheachadh gu math cugallach aig toiseach an 19mh linn. Bha ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Gobha glè shean mun àm sin; ro shean airson a bhith a’ feuchainn air dreuchdan ùra sam bith, mar a b’ àbhaist dha a bhith a’ dèanamh nuair a bha e òg is làidir. Ach bha e mothachail gu robh daoine mun cuairt a’ fulang fo uachdaran carach, agus gur e eilthireachd an aon roghainn chothromach a bh’ aige. Na òige, cha do smaoinich e a-riamh air Srath Ghlais fhàgail; ach a-nis bha a chàirdean ‘s a charaidean a’ moladh an dearbh rud. San òran Bha mi òg ann an Srath Ghlais, dh’fhàg ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô dealbh coileanta den t-suidheachadh anns an robh e:

Bha mi òg ann an Srath Ghlais,
‘S bha mi ‘n dùil nach rachainn às,
Ach bhon chaidh na suinn fo lic
Nis gabhaidh mi ‘n ratreuta.

Tha mo cheann-sa niste liath,
‘N dèidh na chunnacas leam riamh;
‘S ged is èiginn dhomh bhith triall,
A shiorrachd, ‘s beag mo spèis dha.

Ged a tha mo choiseachd trom,
Togaidh mi m’aigne le fonn;
‘S ‘n uair a thèid mi air an long,
Cò chuireas rium geall-rèise?

‘N tàcharan seo th’ air ar ceann
Sgiot e dhaoine ‘s tha iad gann;
‘S fheàrr leis caoraich chur am faing
No fir an camp fo fhèileadh.

Comunn càirdeil chan eil ann,
Chan eil èisteachd aig fear fann;
Mur cuir thu caoraich ri gleann
Bidh tu air cheann na dèirce.

‘N uair a bha mi làidir, òg,
Dhèanainn cosnadh air gach dòigh;
Ach a-nis bhon dh’fhalbh mo threòir,
Tha mi air stòras feumach.

Gheibh sinn acraichean bhon rìgh,
Tighearnan gun dèan e dhinn;
Cha b’ ionnan ‘s a bhith mar bha ‘n linn
Bha pàigheadh cìs do Cheusar.

Na biodh eagal oirbh mun chuan;
Faicibh mar sgoilt a’ Mhuir Ruadh.
Tha cumhachdan an Tì tha shuas
An-diugh cho buan san chiad là.

[MacDonnell, Margaret, 1982. The Emigrant Experience, Songs of Highland Emigrants in North America. London: University of Toronto Press]

Bha caraidean Dhòmhnaill toilichte gun deach e air bòrd an t-soithich; chaidh an ùine seachad na bu luaithe le òrain agus àbhachdas. A rèir coltais, cha d’fhuair iad briseadh dùil sam bith; rinn ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô co-dhiù aon òran fhad ‘s a bha iad aig muir.

San òran Ã’ran do Shiosalaich Srath Ghlais, tha ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô a’ dèanamh iomradh air fir an t-Sratha:

B’ e bàs an t-Siosalaich ghleust’
A bhrist air osnaich mo chlèibh,
‘S adhbhar m’ acain thu bhi ‘n cèisibh bhòrd.

. . .

Chaill sinn Ruairi an Àigh,
Fear a dh’ fhuasgladh gach càs;
An-diugh cha ‘n aithne dhomh àicheadh beò.

Agus Donnchadh na dhèidh,
Bu shàr cheannard nan ceud;
Dh’eug e ’n Lunnainn, ‘s mo lèir-chreach mhòr.

[Chisholm, Colin, 1884-85. Old Gaelic Songs. Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol XI.]

A rèir beul-aithris, rinn ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô a dhachaigh air tuathanas ann an Lower South River ann an Siorrachd Antigonish ann an Alba Nuadh. Bhàsaich e an sin sa bhliadhna 1810.




Èist

Cha robh earbsa aig ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Gobha anns a h-uile ceann-cinnidh a bh’ aig na Siosalaich idir.



Èist

Bha mi òg ann an Srath Ghlais air aithris le ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Macleòid.


air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý