Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú

Explore the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt

Cruinneachaidh Cnocaidh
Alasdair Gleannach ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô²¹³¦³ó

Thàinig an dealbh seo bhon leabhar Story and Song from Loch Ness-side.

Rugadh Alasdair Gleannach ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô²¹³¦³ó ann an Inbhir Moireasdan. Nuair a bha e a' fàs suas, bhiodh e a' cluinntinn sgeulachdan is òrain Ghàidhlig aig muinntir na sgìre; thog iad uimhir de dh' ùidh ann an Alasdair 's gun do chuir e peann ri pàipear gus cuid dhiubh a chlàradh. Nochd "Story and Song from Loch Ness-side" ann an 1914; leabhar de na sgeulachdan 's na h-òrain a chuala e na òige. Rinn Gleannach oidhirp mhòr gus an aon seòrsa blas 's a bh' aig an fheadhainn a dh'innis na sgeulachdan dha fhèin o thùs a chur san leabhar. Ged a tha a' mhòrchuid den leabhar sa Bheurla, tha grunnan òrain Ghàidhlig a' nochdadh nach deach am foillseachadh ann an àite sam bith eile.

Tha an leabhar a' toirt dealbh cunbhalach de mhuinntir na sgìre san ochdamh linn deug, le earrannan dheth air cuspairean leithid dòigh-beatha nan daoine, bà ird is bàrdachd, cleachdaidhean baistidh is pòsaidh, aislingean agus seuntan, spòrs is cur-seachadan, cèilidh agus obair na bliadhna.

Chithear eisimpleir dhen seo sa phìos a leanas:

"The postmen had many a weary, cold tramp, and many an exciting experience. One of the last of them, who travelled twice or three times a week between Drumnadrochit and Fort Augustus , about fifty years ago or so, called "Am Posta-Bàn" ("The Fair Postman") - Stoddart to name - composed a rather interesting song, which we have pleasure in subjoining:

Fonn:
Fàill-ill-ò ro-bha hì,
Gu bheil m' inntinn fo phràmh;
Bhon chaidh a' mhàileid air mo dhruim,
Dh'fhalbh mo shunnd 's mo chiall-gàir'.

'N uair bhios càch nan cadal suain,
Air an cluasaig gu blàth;
'S ann bhios mise gu fliuch fuar
A' feuchainn cruaidh ait an t-sàil.

Rathad fada, carach, fiart',
Tha e cianail mun tràth;
'S ann air sràc an dà uair dheug
'Dol a thriall ri Portchlàr.

Coille dhlùth air gach taobh,
Sneachda ghlùin, cathadh bàn;
Gaoth a' sadadh ri mo chluais,
'Nochd nach truagh leibh mo chàs?

'N uair ruigeas mi Taigh Iain-Mhic-Shìm,
Bidh 'n ceòl binn ri mo chluais;
Abhainn Mhoireasdain na still,
'S chluinnte mìltean a fuaim.

Thèid mi 'n dèidh sin air mo chuairt
Seachad suas an Taigh-Bàn;
'S gheibh mi 'm Postmaster na shuain,
Air a chluasag gu blàth.

Ruigidh mi 'n sin Creag-an-Ùird,
Frasan dlùth a' tighinn orm;
Gus an ruig mi leth mo chùrs'
Bidh mi dlù th 'dèanamh lorg.

Ruigidh mi 'n sin Taigh-a'-Chaochain,
'E ò ! gur faoilteach iad ann;
Èiridh Iain 's e gun ghruaim.
'S bheir e nuas dhuinn an dram.

Thèid mi sin air mo cheum
Seachad Lèini le srann;
Gus an cuairtich mi 'n t-Sròin,
'Mhan am Bòrlum nam dheann.

Chan e 'n samhradh as feàrr,
Oidhche bhlàth 'falbh na smùid
'Call mo shùgh anns gach pòr.

'S ged a thigeadh reodhadh liath,
'S uisge chuireadh sliabh air snàmh;
Cha 'n fhaod mise dhol fo dhìon
Dh' aindeoin sìon thig a mhàn.

Cuid a their gu bheil mi fìor;
Cuid gur breug tha mi 'g ràdh;
Saoilidh neach a bhios na thriall,
Nach tig crìoch air gu bràth.

[Macdonald, Alexander, 1982. Story and Song from Loch Ness-side. Inverness: Gaelic Society of Inverness]

Bha Gleannach den bheachd gu robh dà sheòrsa duine beò ann an Alba ro Chùil Lodair: na Gàidheil agus na Goill. Bha an dà bhuidheann eadar-dhealaichte ann an iomadh dòigh; cànan, creideamh agus dòigh-beatha.

Ìý


Èist

Ã’ran a' Bhotail às a' chruinneachadh aig Alasdair Gleannach ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô²¹³¦³ó, air a sheinn le Alasdair MacIllIosa.



air ais


About the Â鶹¹ÙÍøÊ×Ò³Èë¿Ú | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý